Trioblaid a bharrachd leis an Hebrides

MV Hebrides
  • Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air dearbhadh gu bheil dàil eile air an MV Hebrides mus till i gu seirbheis.

Tha i air a bhith a' falbh o sheirbheisean Ùige, an Tairbeart is Loch nam Madadh a' faighinn a h-obrach-càraidh bliadhnail.

An dèidh trioblaid le bogsa nan gèaraichean aice a chàradh ann an Lìte, sheòl i às an doc ann an sin Là na Sàbaid.

Ach chaidh an uairsin aodion fhaighinn ann an innleachd an rampa toisich aice, 's chaidh a toirt a dh'Obar Dheathain airson sin a chàradh.

Chaidh mothachadh an uairsin dha trioblaid le prìomh einnsean an t-soithich agus aodion eile air deic a' mhezzanine.

Feumaidh gach rud a tha sin a bhith air a chàradh mus till i, ged a thuirt CalMac nach eil e soilleir aig an ìre seo dè cho fada 's a bheir e a càradh.

Thuirt iad gun lean am plana a chuir iad an sàs fhad 's a bha Hebrides air falbh ann an àite gu Dihaoine.

Thuirt CalMac gun deadh tuilleadh fiosrachaidh a chumail ri daoine nas fhaide san t-seachdain.

Tha an MV Clansman air a bhith frithealadh air an t-seirbheis fhad 's a tha an Hebrides air a bhith san doc ach tha muinntir Cholla is Thioradh fiadhaich mun t-suidheachadh sin agus an soitheach àbhaisteach acasan air falbh nas fhaide na bha dùil.

Thog na comhairlean coimhearsnachd an sin dragh mun t-suidheachadh agus eileanaich a call a-mach air stuthan riatanach.

Dh'iarr iad gun tilleadh an Clasman anns an spot agus iad a' cumail a-mach nach eil an MV Lord of the Isles agus an MV Isle of Mull freagarrach airson nan uisgeachan mu thimcheall air Colla is Tiriodh.