Anna NicGriogair is Iain MacCarmaig air Buinn an t-Seann Nòis a bhuannachadh

Iain MacCarmaig
  • Air fhoillseachadh

Tha Anna NicGriogair agus Iain MacCarmaig air Buinn an t-Seann Nòis a bhuannachadh aig Mòd Ghlaschu.

'S ann à Glaschu a tha Anna is Iain às an Eilean Sgitheanach.

'S e Tha Mulad air M' Inntinn is Cumha Iain Ghairbh a ghabh Anna sa chuairt dheireannaich ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu oidhche Dhiardaoin.

Bhuannaich Iain le Thoir an t-soraidh seo bhuam agus Òran a' Chriosamas Tree

Air a' cheann thall bha na comharran ann am farpais nam ban mar a leanas:

  • 188 Anna NicGriogair à Glaschu

  • 185 Eilidh Nic a' Phì às Inbhir Nis

  • 184 Isla Scott às Na Hearadh

  • 183 Marion NicCorcadail à Uibhist a Tuath

Anna NicGriogair

Seo mar a bha na comharram ann am farpais nam fear:

  • 190 Iain MacCarmaig às an Eilean Sgitheanach

  • 186 Joe MacNìll às an Ìochdair

  • 184 Niall MacRisnidh à Leòdhas

  • 183 Uilleam Iain MacSuain à Obar Dheathain

  • 183 Somhairle Rob Stevenson MacNeacail às na Crìochan

Bha Iain air Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich a bhuannachadh ann am Pàislig ann an 2023.

Nas tràithe air an là bha Eilidh Nic a' Phì is Joe MacNìll sa chiad àite san ro-fharpais.

Fo na riaghailtean ùra am-bliadhna, cha robh na comharran bhon mhadainn air an cur ri comharran na h-oidhche mar a bha gu traidiseanta.

Tuilleadh air an sgeulachd seo