Buinn Òir a' dol a Leòdhas

Isabelle Bain
  • Air fhoillseachadh

'S iad Isabelle Bain agus Mark Mac a' Ghobhainn à Leòdhas a bhuannaich Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Ghlaschu.

Thàinig iad am bàrr anns an Fharpais Chrìochnachaidh ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu oidhche Chiadain.

'Son a' chiad turas cha robh na comharran bhon mhadainn air an cur ri comharran na h-oidhche, a' fàgail gun robh na seinneadairean uile a' tòiseachadh às ùr sa chuairt dheireannaich.

Air a' cheann thall bha comharran nam ban mar a leanas:

  • 374 Isabelle Bain à Griais

  • 371 Laura Robertson às a' Ghearasdan

  • 370 Julie-Anne NicPhàidein às an Òban

  • 368 Isla Duke às an Eaglais Bhric

'S e An Roghainn aig Somhairle MacIlleathain an t-òran ainmichte a bh' ann am farpais nam ban agus 's e Nam Aonar Le Mo Smuaintean a thagh Isabelle.

Mark Mac a' Ghobhainn

Ann am farpais nam fear bha na comharran mar a leanas:

  • 370 Mark Mac a' Ghobhainn à Siabost

  • 368 Anndra Cuimeanach às An Leathad

  • 365 Matthew Gilmour Wright à Glaschu

  • 364 Lewis Davey à Ìle

  • 359 Dan MacFhionghain à Inbhir Pheofharain

'S e 'S Gun Òlainn Slàinte Theàrlaich an t-òran ainmichte a bh' aig na fir agus 's e A' Chaileag Shuaineartach a thagh Mark.

Bha moladh mòr ann airson ìre nam farpaiseach san dà fharpais is faireachdainn ann gum biodh e air a bhith glè dhoirbh dha na britheamhan sgaradh a dhèanamh eatorra.

A' bruidhinn air prògram a' BhBC thuirt Màiri Anna NicUalraig gun robh farpais nam fear "cho math 's a bh' ann ann an iomadh bliadhna".

Thuirt i nach robh duine air an àrd-urlar eadar an dà fharpais nach do chòrd rithe.

Mionaid de shàmhchair

Bha mòran aig a' Mhòd Diciadain a' smaointinn air an tubaist mhara far Leòdhais oidhche Mhàirt anns an do bhàsaich aon iasgair agus dithis eile a dhìth.

Thuirt an Comunn Gàidhealach gu bheil co-fhaireachdainn aca leis a h-uile duine air an tug an tubaist buaidh.

Dhearbh iad gum bi mionaid de shàmhchair ann aig a' Mhòd aig 09:00m Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo