Na còisirean: "Co-chomann, co-cheòl is co-eisimealachd"

Còisir sa bheil boireannaich agus fireannaich ann an aodach dubh air àrd-ùrlar leis an stiùiriche air a h-èidheadh ann an lèine orainds. Tha cuid dhiubh air an glùinean agus a' cumail chuachan agus duaisean, agus tha càch nan seasamh air an cùlaibh. Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Màiri Anna NicUalraig agus Còisir Ghàidhlig Loch Abar a' dèanamh gàirdeachais aig Mòd 2025

LeEilidh NicLeòid
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Cha mhòr nach eil am Mòd Nàiseanta Rìoghail seachad ach do gu leòr 's e Dihaoine an là ris a bheil iad air a bhith a' feitheamh agus farpaisean nan còisirean sgìreil a' tachairt.

"Tha e cho làidir a bhith seinn còmhla agus guthan a chluinntinn mar aon," thuirt Màiri Anna NicUalraig, stiùiriche Còisir Ghàidhlig Loch Abar a thog Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh an-uiridh.

Tha i sin agus Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn, a chaidh gu Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu an-uiridh, air na duaisean as cliùitiche ann an saoghal nan còisirean Gàidhlig, agus bidh na ceudan sheinneadairean air an àrd-ùrlar ag amas orra an-diugh.

Còisir sa bheil boireannaich agus fireannaich a' dèanamh gàirdeachais. Tha cuid air an glùinean agus cuid nan seasamh, agus an làmhan suas. Tha fèilidhean orra agus lèintean dubha. Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu air an dòigh glan an dèidh dhaibh Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn a bhuannachadh an-uiridh

Tha coimhearsnachd còisire mar "shamhla air mac an duine" am beachd Màiri Anna.

"Tha co-chomann, co-cheòl agus co-eisimealachd ann," thuirt i, a tha a' cur nar cuimhne "nach eil sinn beò nar n-aonar, agus mar a tha feum againn air càch a chèile."

Thuirt i: "Tha còisir coltach ri teaghlach, agus chan e rud ro mhilis tha mi a' ciallachadh.

"Tha gràdh agad ach bidh iad a' cur cais ort cuideachd san aon dòigh!"

Còisir a' seinn air an àrd-ùrlar. Tha fireannaich le fèilidhean is seacaidean dubha orra, agus tha na mnathan air an èideadh an aodach dubh
Fo-thiotal an deilbh,

Bhuannaich Còisir an Òbain air Sgiath Mhic Shimidh is Thulaich Bhàrdainn trì bliadhna sreath a chèile an 2022, 2023 agus 2024

Ged a tha Màiri Anna air a dachaigh a dhèanamh an Loch Abar, tha i an t-seachdain seo air ais am Baile Mòr nan Gàidheal far an do thogadh i.

'S i tè a bha thall agus a chunnaic nuair a thig e dhan Mhòd agus gu saoghal nan còisirean.

Tha i air Bonn Òir a' Chomuinn agus Bonn Òir an t-Seann Nòis a bhuannachadh agus bha i bliadhnaichean os cionn Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis a thog Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn ann an 2005 agus 2006.

Thuirt i gun do thòisich obair ullachaidh nan Abrach an dèidh soirbheachas na bliadhna an-uiridh aig Mòd Loch Abar "cha mhòr sa mhionaid".

Còisir a' seinn air àrd-ùrlar, boireannaich agus fireannaich air an èideadh ann am fèilidhean agus seacaidean dubha, briogaisean dubha agus lèintean uaine.
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh a' chòisir Eadarainn a chruthachadh nuair a thàinig còisirean Inhbir Nis agus Inbhir Pheofharain còmhla

Cha b' e annas a bh' ann do shinnsearan Ghàidheal an là an-diugh an guthan a thogail còmhla, na fir agus iad ag iomradh agus na mnathan ri obair luaidh, mar eisimpleir.

Cha robh còisirean Gàidhlig mar a th' againn an-diugh mar phàirt den dualchas air a' Ghàidhealtachd bho thùs ge-tà.

'S e farpaisean a' Chomuinn Ghàidhealaich a dh'fhàg gu bheil an-diugh bun-stèidh cho làidir aig na còisirean.

Ged a bha beagan chòisirean Gàidhlig ann ron chiad Mhòd ann an 1892, tha Màiri Anna a' gabhail ris gun robh cuid a' faicinn an t-seòrsa seinn seo mar rud "fuadain" aig fìor thoiseach gnothaich.

Slighe air adhart "càirdeal, brosnachail agus amasail"

Bha deasbad às ùr ann an-uiridh nuair a dh'iarr an Comunn beachd nan còisirean air sreath mholaidhean a bheireadh crathadh air cruth nam farpaisean agus airson siostam measaidh ùr a thaobh fileantas bhall.

Dh'fhoillsich An Comunn Gàidhealach aig toiseach na mìos nach tig atharrachadh air structar nam farpaisean no air feumalachdan a thaobh na Gàidhlig aig an ìre seo.

Aig an àm, thuirt Cathraiche a' Chomuinn, Magaidh Choineagan, gun dèanadh iad tuilleadh obrach mu "dè an dòigh às fheàrr a' Ghàidhlig a bhrosnachadh, agus aig an aon àm daoine a mhisneachadh airson a bhith a' gabhail barrachd ùidh ann an Gàidhlig.

Tha Màiri Anna ag ràdh gu bheil "còmhradh gu tur iomchaidh a thaobh brosnachadh na Gàidhlig", ach gum feumar slighe ùr a dhealbh ann an dòigh a tha "càirdeil, brosnachail agus amasail".

Bha deasbad cuideachd ann mu bhith a' toirt a-steach stoidhlichean ùra de sheinn, fiù 's dannsa, agus cha bhiodh càil a leisg air Màiri Anna seo a chur fa chomhair luchd-frithealaidh a' Mhòid.

Thuirt i: "Seasaidh a' Ghàidhlig ri nòs sam bith, carson nach dèanadh!"

Tha i ag ràdh gu bheil i fhèin "an-còmhnaidh a' putadh crìochan a' chiùil agus a' feuchainn ri beagan spors fhaighinn".

Leis an sin, cò aig a tha brath na bhios fainear don luchd-èisteachd is luchd-amhairc san àm ri teachd ach 's ann sa chruth 'thraidiseanta' a bhios farpaisean na bliadhna-sa.

Mura faigh sibh air a bhith an làthair bidh iad rin craoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal agus air BBC ALBA.