Sùil air ais - Na Leòdhasaich òga a shoirbhich san t-Seann Nòs an Glaschu an 2019

Fireannach agus boireannach nan seasamh ri taobh a chèile agus iad a' coimhead ris a' chamara. Tha gàire air an dithis aca agus tha grèim aca air buinn òir.Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
LeAnnabel Nic'Illinnein
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

An turas mu dheireadh a bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail an Glaschu, chaidh prìomh dhuaisean seinn san t-seann nòs gu dithis Leòdhasach a bha a' fuireach sa bhaile.

A' coimhead air ais, tha Isabelle Bain is Crìsdean MacCoinnich a' cuimhneachadh air measgachadh de nearbhachd, faochadh agus toileachas.

'S ann à Griais a tha Isabelle. Tha i a-nise air soirbheachadh ann an Glaschu an dàrna turas is i air Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich a bhuannachadh aig Mòd 2026 oidhche Chiadain.

Rugadh is thogadh Crìsdean ann an Ùig'.

Bha an dithis aca eòlach gu leòr air seinn sa Ghàidhlig ach do Chrìsdean, 's e 2019 a' chiad uair a bha e na fharpaiseach aig a' Mhòd Nàiseanta.

'S e an duine mu dheireadh a sheinn san fharpais agus tha deagh chuimhne aige fhathast air cho fada 's a bha e a' feitheamh is mar a bha e car nearbhasach.

"Cha robh mi a' faireachdainn math gun do bhuannaich mi ach 's e 's dòcha faochadh a bh' ann gun do sheinn mi 's nach deach càil ceàrr," thuirt e.

"Ach cuideachd 's e oidhche shnog a th' ann air sgàth 's gu bheil coimhearsnachd aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig cruinn còmhla ann an seòmar 's iad ag èisteachd ri ceòl snog."

Fo-thiotal,

Crìsdean MacCoinnich a' seinn Hì Ho Ro Tha Mi Duilich aig Mòd Ghlaschu an 2019

Bha Isabelle na h-oileanach ann an Glaschu ann an 2019, rud a dh'obraich a-mach gu math dhi seachdain a' Mhòid.

"Saoilidh mi gun robh seachdain leughaidh againn an t-seachdain sin agus bha e uabhasachadh iomchaidh gun robh mi dheth airson a bhith aig a' Mhòd," thuirt i le gàire.

"Bha e a' ciallachadh tòrr gun robh mi air a bhith a' fuireach ann an Glaschu 's gun robh mi toilichte an sin - 's an uairsin gun do bhuannaich mi am bonn sa bhaile."

'S e seachdain gu math soirbheachail a bh' ann dhi san fharsaingeachd agus a' chòisir anns a bheil i cuideachd a' glèidheadh Sgiath Latharna.

"Chaidh mi air ais a choinneachadh a h-uile duine agus bha partaidh mòr againn," thuirt i.

Chan eil duine seach duine aca air a bhith a' dèanamh mòran seinn san t-seann nòs sna bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha Crìsdean air a bhith ag ionnsachadh òrain aig an taigh ach tha e air a bhith trang le obair, a' ciallachadh nach eil cus cothroim air a bhith aige an gabhail an àite sam bith.

Chaidh Isabelle a dh'fhuireach ann an Astràilia ann an 2024, ged nach do chuir i cùl buileach ri seinn sa Ghàidhlig.

Bhiodh i a' dol gu seisean-ciùil Èireannach aig aon àm agus bha fèill air òrain Ghàidhlig nuair a dh'innis na caraidean aice do bhodach an sin gum biodh i a' seinn sa chànan.

Fo-thiotal,

Isabelle Bain a' gabhail Bruadar an Leòdhasaich an Winnipeg ann an 2019

Tha an dithis aca aig a' Mhòd am-bliadhna.

Tha Crìsdean air tòiseachadh a' seinn còmhla ri còisir agus ged nach eilear a' seinn san t-seann nòs, tha e a' còrdadh ris gu bheil faireachdainn nan òran ga chur an cèill 's gu bheilear ag innse sgeulachd.

Ged a bhios a' chòisir trang ag ullachadh oidhche Dhiardaoin, feuchaidh e ri beagan de dh'Fharpais an t-Seann Nòis fhaicinn.

Thuirt e: "Tha e tàmailteach nach b' urrainn dhut seinn air àrd-ùrlar a h-uile bliadhna mar sin.

"Tha an luchd-èisteachd cho math 's tha tuigse aca agus tha sin a' còrdadh rium."

Tha Isabelle air a thighinn a-nall à Astràilia agus Mòd 2026 mar-tha air a bhith soirbheachail dhi.

Tha ise i fhèin gu bhith a' seinn còmhla ri còisir cuideachd.

"An dà bhliadhna mu dheireadh, tha mi air a bhith ann an Àstràilia aig àm a' Mhòid," thuirt i.

"Tha mi air a bhith ag ionndrainn a bhith nam phàirt dhe na tachartasan.

"Bha mi a' smaoineachadh, ma tha thìde agam a thighinn dhachaigh, tha e a' cheart cho math dhomh a thighinn aig àm mar seo."

Tuilleadh air an sgeulachd seo