Naidheachdan 09:00m

Poileataigs

Bidh am Prìomhaire Andy Burnham a' tadhal air Alba an-diugh 's e air a' chiad turas mhòr aig tuath on chaidh e dhan dreuchd. Bidh e a' tadhal air meadhan na h-Alba gus bruidhinn mu na planaichean aige cumhachd a bharrachd a sgaoileadh do na sgìrean ionadail. Tha dùil ri ceannard nan Tòraidhean Kemi Badenoch cuideachd ann am meadhan na h-Alba an-diugh 's ise gu bhith a' bruidhinn air prìsean connaidh. Tha seo a' tachairt aig a' cheart àm 's a tha an SNP a' coinneachadh airson an dàrna là den cho-labhairt bhliadhnail aca ann an Obar Dheathain, far an tèid cumhachd, tèarainteachd a' bhìdh agus gràin-cinnidh, am measg eile, a dheasbad an-diugh.

Iasgairean a dhìth

Tha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich air an iomairt aca 'son lorg fhaighinn air dithis iasgairean a tha fhathast a dhìth far Leòdhais a thoirt gu ceann, mura tig fiosrachadh ùr am follais. An-dè, chaidh fear eile den chriutha a fhuaireadh marbh ainmeachadh mar Douglas Craigie, aois 49. Tha Tormod no "Tam" Moireach, agus Murchadh Moireasdan fhathast a dhìth.

An Ucràin

Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gur e "masladh" a th' ann gu bheil an Ucràin air tòiseachadh às ùr air ionnsaighean a thoirt air ionadan-giollachd ola anns an Ruis. Thuirt e nach dèan co-dhùnadh a' Chinn-Suidhe Zelensky ach prìsean ola eadar-nàiseanta a chur suas. Thuirt Mgr Zelensky gu bheil e air a chùl a chur ri "fois-fhòirneirt chumhachd" a ghairm na Stàitean Aonaichte, leis nach robh an Ruis a' toirt feairt dha.

Tunailean

Dh'fhaodadh tunailean agus drochaidean cruth-atharrachadh a thoirt air coimhearsnachdan sna h-eileanan, a rèir comataidh aig Westminster. Dh'fhoillsich Comataidh nan Cùisean Albannach aithisg ag ràdh gum biodh ceanglaichean stèidhichte nam buannachd mhòir do dh'eaconomaidh ionadail nan eilean, agus gum bu chòir dhan Riaghaltas beachdachadh air ciamar as urrainn dhaibh taic a thoirt seachad do chomhairlean ionadail, agus Riaghaltas na h-Alba, an leithid a thogail.

Cèilidh na Bliadhn' Ùire

Dh'innis MG ALBA gur ann à Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas a thèid Cèilidh na Bliadhna Ùire a chraoladh am-bliadhna, le daoine às an àite gam fastadh airson am prògram a chur air dòigh. Dh'fhoillsich iad an naidheachd agus iad a' cur lèirsinn ùr gu 2030 an cèill aig a' Mhòd an-raoir. Mar phàirt den sin bidh iad a' cur taic-airgid ri hub ùr mheadhanan a tha Ceòlas a' stèidheachadh anns an eilean.

Am Mòd

'S ann chun an Eilein Sgitheanaich agus baile Ghlaschu fhèin a chaidh Buinn Òir an t-Seann Nòis aig a' Mhòd ann an Glaschu an-raoir. Thàinig Iain MacCarmaig am bàrr ann am farpais nam fear, agus 's i Anna NicGriogair a rinn a' chùis am measg nam boireannach. 'S e an-diugh là mòr nan còisirean sgìreil aig a' Mhòd.