Naoinear troimhe am Farpais Bonn Òir an t-Seann Nòis

Eilidh Mòrag Nic a' Phì is Joe MacNìll
Fo-thiotal an deilbh,

Eilidh Mòrag Nic a' Phì is Joe MacNìll

  • Air fhoillseachadh

Chaidh naoinear sheinneadairean troimhe gu Farpais Dheireannach Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu.

Rinn ceathrar bhoireannach agus còignear fhireannach a' chùis san ro-fharpais an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu sa mhadainn.

Bha dusan tè air cur a-steach airson na ro-fharpais ach tharraing còignear a-mach aiste.

Ann am farpais nam ban bha na comharran mar a leanas:

  • 96 Eilidh Mòrag Nic a' Phì às Inbhir Nis

  • 95 Isla Scott às Na Hearadh

  • 94 Marion NicCorcadail à Uibhist a Tuath

  • 93 Anna NicGriogair à Glaschu

Cha deach Eilidh Davies (92), Saffron Hanvidge (92) neo Fionnghal Nic an Aba (92) troimhe.

Ann am farpais nam fear, bha na comharran mar a leanas:

  • 95 Joe MacNìll às an Ìochdair

  • 93 Niall MacRisnidh à Leòdhas

  • 93 Iain MacCarmaig às an Eilean Sgitheanach

  • 91 Uilleam Iain MacSuain à Obar Dheathain

  • 91 Somhairle Rob Stevenson MacNeacail à Crìochan na h-Alba

Cha deach Eòin Coinneach Cuimeanach (90), Torcuil MacIllEathain (89) agus Lyle Ceanadach (88) troimhe.

Thèid an fharpais dheireannach a chumail a-nochd fhathast aig 7:30f agus e ga craoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal agus air BBC ALBA, agus thèid fios mu cò bhuannaicheas fhoillseachadh air làrach-lìn BhBC Naidheachdan an dèidh na farpais.

Leis na riaghailtean ùra am-bliadhna, cha tèid na comharran bhon mhadainn a chur ri comharran na cuairte deireannaich a-nochd.