Comhairle air cha mhòr £120,000 a chosg air strì laghail mu sgoil ùr

Tobar MhoireTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thàinig e am bàrr gun do chosg Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cha mhòr £120,000 ann an strì laghail mu sgoil ùr a thogail ann am Muile.

Cho-dhùin an t-ùghdarras ionadail sa Mhàrt 2025 gun rachadh sgoil 2-18 a thogail ann an Ceann a deas Thobair Mhoire.

Thèid an goireas ùr an àite Bun-sgoil is Àrd-sgoil Thobair Mhoire.

Bha cuid air a bhith ag iomairt airson làrach ann am meadhan an eilein is iad ag ràdh gun toireadh sin cothrom do chloinn à pàirtean eile de Mhuile a dhol dhan àrd-sgoil san eilean, an àite falbh dhan Òban.

Thog luchd-iomairt ath-bhreithneachadh laghail is iad a' cumail a-mach nach robh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air pròiseasan a leantainn mar a bha còir.

Fhuair Cùirt an t-Seisein sa Ghearran ann am fàbhar na comhairle.

Tha rannsachadh a rinn Seirbheis Naidheachd Deamocrasaidh Ionadail a-nise air sealltainn gun do chosg Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid £118,698 tron phròiseas laghail.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail sa bhrath as ùire bhuapa gu bheil iad ag obair air clàr-ama ùr airson na sgoile.

Tha iad ag ràdh gu bheil dùil aig an ìre seo gum fosgail an campas ùr faisg air deireadh 2030.

Tha dùil ri cùis gnothachais ro dheireadh 2026.

Sgrìobh luchd-iomairt an aghaidh làrach na sgoile gu ruige gach tagraiche ann an Earra-Ghàidheal is Bòd air thoiseach air taghadh na h-Alba nas tràithe air a' mhìos.

Dh'iarr iad orra taic a chur ri ath-sgrùdadh sa phàrlamaid ùir air mar a tha maoineachadh Riaghaltas na h-Alba airson sgoil ùr ann am Muile ag obair, agus airson a' phrionnsabail "gun obraich iad le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid 'son àrd-sgoil ùr fhaighinn do Mhuile ann an àite a tha ag obair dhan a h-uile duine".