Duais dhan t-Sabhal Mhòr airson na rinn iad gus baile ùr a stèidheachadh

Chaidh A' Chill Bheag fhosgladh gu h-oifigeil le Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, bho chionn dà bhliadhna
- Air fhoillseachadh
Thog Sabhal Mòr Ostaig an duais airson Sàr Obair sa Choimhearsnachd aig Duaisean Foghlaim an Herald airson an cuid obrach a' chiad bhaile ùr a thogail san Eilean Sgitheanach ann an 100 bliadhna.
Tha faisg air 20 dachaigh aig prìs reusanta ann am Baile na Cille Bige ri taobh na colaiste Gàidhlig ann an Slèite.
Tha Stiùiriche Leasachaidh an t-Sabhail Mhòir, An Dr Donnie Rothach, ag ràdh gu bheil iad "air leth toilichte an duais iomraiteach seo fhaighinn".

Donnie Rothach a' faighinn na duais bho Des Clarke
"Tha taigheadas aig prìs reusanta glè chudromach dhan iomairt gus coimhearsnachdan seasmhach a chruthachadh le daoine a tha a' cur ris an eaconamaidh far a bheil Gàidhlig aig cridhe beatha nan coimhearsnachdan sin," thuirt an Dr Rothach.
"Tha sinne aig Sabhal Mòr Ostaig moiteil às an obair a tha sinn air a dhèanamh gus taic a chumail ris an iomairt sin."
Thuirt an Dr Rothach roimhe gum biodh iad a' brosnachadh dhaoine a thigeadh a dh'fhuireach sna taighean ùr a' Ghàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh.
Leasachadh na Cille Bige a' gluasad air adhart
- Air fhoillseachadh14 An Dùbhlachd 2022
Sgeama taigheadais ùr na Cille Bige ga fosgladh gu h-oifigeil
- Air fhoillseachadh20 An t-Sultain 2024
"Gun an cothrom seo sa Chill Bhig cha bhiodh e comasach dhomh gluasad dhachaigh"
- Air fhoillseachadh6 An Gearran 2025
Tha e cuideachd air cothrom a thoirt do dhaoine òga tilleadh gu sgìre far a bheil prìsean thaighean uaireannan na cnap-starra dhaibh.
Nam measg tha Ruairidh Greumach a ghluais ann an-uiridh agus a thuirt nach biodh e comasach dha gluasad dhachaigh mura robh cothrom aige air taigh aig prìs reusanta.
Thòisich an obair air a' Chill Bhig san Dùbhlachd 2022 agus chaidh fhosgladh gu h-oifigeil le Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, san t-Sultain 2024.
Chaidh am baile ùr a stèidheachadh mar thoradh air com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, a' phrìomh bhuidheann chom-pàirteach, Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, Comhairle na Gàidhealtachd agus a' chompanaidh-togail ionadail aig Seumas MacCuinn.