Duais Eòrpach dha Somhairle Spins

- Air fhoillseachadh
Shoirbhich leis a' phrògram Ghàidhlig Somhairle Spins aig duaisean mòra craolaidh Eòrpach.
Thog an sreath duais Prix CIRCOM ann an roinn airson a' phrògraim as Tùsaile agus as Innleachdaiche.
Chaidh na duaisean a thoirt seachad aig cuirm san Fhionnlainn Diardaoin.
Chaidh Somhairle Spins a choimiseanadh le MG ALBA airson seanail YouTube BBC ALBA is iPlayer a' BhBC.

Somhairle MacIain (preseantair), Jonny Ashworth (Stiùiriche) agus Lisa Annette (Àrd-riochdaire airson MG ALBA) aig Co-labhairt roinneil CIRCOM
Tha an sreath a' leantainn Somhairle MacIain is e a' siubhal air feadh na h-Alba air baidhseagal còmhla ri caraidean, teaghlach, is aoighean sònraichte.
Tha Somhairle air cliù a chosnadh roimhe air na meadhanan-sòisealta.
Chaidh Somhairle Spins a sgaoileadh san Fhaoilleach is shoirbhich leis gu sgiobalta am measg dhaoine eadar 18 is 35 air ùrlaran didseatach.
Thog britheamhan Prix Circom air mar a bha an sreath a' cleachdadh "modh-obrach dàna didseatach an-toiseach", le measgachadh de stuth a thog Somhairle fhèin a bharrachd air luchd-camara.
Duaisean 'son an An t-Eilean a' toirt "togail is misneachd" dhan Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh23 An Cèitean 2025
Rinn iad moladh cuideachd air mar a chaidh Somhairle a thaghadh mar phreasantair is an cliù a th' aige air-loidhne a' toirt luchd-amhairc nas òige do BhBC ALBA.
Thuirt Lisa Annette, Àrd-riochdaire airson MG ALBA: "Chaidh an sreath seo a choimiseanadh mar phàirt de ro-innleachd nas fharsainge aig MG ALBA airson barrachd chunnartan cruthachail a ghabhail gus am faod sinn frithealadh don luchd-amais nas òige againn ann an dòigh nas fheàrr, agus tha sinn moiteil gun d' fhuair sinn an t-aithneachadh seo."
Bha Lisa Annette is Somhairle fhèin am measg na bha an làthair san Fhionnlainn gus an duais a thogail.