Naidheachdan 10:00m
Iran
Tha Rùnaire Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh gun toir e beagan làithean gus aonta-sìthe a dhèanamh le Ioran. Bha Marco Rubio a' bruidhinn às dèidh do dh'fheachdan nan Stàitean Aonaichte ionnsaighean a thoirt air ceann a deas Ioran, agus Tehran cuideachd air dròn a thoirt a-nuas.
Meadhanan-sòisealta
Tha cuid de dh'àrd-dhotairean san Rìoghachd Aonaichte a' dèanamh coimeas eadar na meadhanan-sòisealta agus a bhith a' smocadh a thaobh an t-seòrsa buaidh a dh'fhaodadh iad toirt air cloinn nas òige na sia bliadhna deug. Tha Acadamaidh nan Colaistean Rìoghail Meidigeach air am barail a thoirt do cho-chomhairleachadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air am bu chòir bacadh a chur air cloinn bho bhith a' cleachdadh nam meadhanan sòisealta. Thuirt Rùnaire an Teicneòlais, Liz Kendall, gun tèid riaghailtean ùra a chur an sàs ro dheireadh na bliadhna.
Neo-eisimeileachd
Tha dùil gun iarr am Prìomh Mhinistear an-diugh fhathast gun tèid cumhachdan a thoirt seachad airson referendum eile air neo-eisimeileachd. Tha buill na pàrlamaid Albannaich gu bhith a' deasbad na cùise is John Swinney ag ràdh gu bheil mandat ann airson an leithid as dèidh an taghaidh. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ge-tà, air iarrtas de sheòrsa a dhiùltadh cheana.
Peadar Murrell
Dh'iarr Joanna Cherry, a bha roimhe na ball sna Cumantan don SNP, gun rachadh rannsachadh neo-eisimeileach a chumail as dèidh do Pheadar Murrell aideachadh gun do ghoid e còrr air £400,000 bhon phartaidh. Thuirt Ms Cherry gun deach càineadh làidir a dhèanamh oirre-se agus air a co-obraichean nuair a chaidh dragh a thogail mu mar a bhathas a' dèiligeadh ri gnothaichean ionmhais an SNP. Thuirt am Prìomh Mhinistear an-dè gu bheil an SNP air fulang sa chùis seo, 's gu bheil e a' tuigsinn na feirge a th' air a bhallrachd.
Eucoireach feise
Thuirt Poileas Alba gun tog iad cùis de dh'fhìor mhì-ghiùlain an aghaidh oifigeir phoilis a chaidh fhaighinn ciontach air eucoirean feise an aghaidh thriùir bhoireannach an Leòdhas agus an Inbhir Nis. Chaidh Cameron Ros, a tha 39, a dhìteadh aig an Àrd-Chùirt an Dùn Èideann an-dè, 's dùil gun tèid binn a chur air san Iuchar.