Còrr air £250,000 'son taigh-tasgaidh sa Ghearasdan a leasachadh

Thathar ag amas air an gàrradh aig cùl an togalaich a leasachadhTùs an deilbh, Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar ag amas air an gàrradh aig cùl an togalaich a leasachadh

  • Air fhoillseachadh

Fhuair Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar maoineachadh bho Mhaoin-dualchais a' Chrannchair Nàiseanta airson planaichean ath-leasachadh a thoirt air an làraich.

Chaidh £263,163 a thoirt dhan ionad sa Ghearasdan gus taic a chur ri ìrean tràth a' phròiseict.

Tha seo mar phàirt de £2.7m de mhaoineachadh a b' urrainn dhaibh cur a-steach air a shon uile gu lèir ma shoirbhicheas leis na h-ìrean leasachaidh.

Cùl an togalaich an-dràstaTùs an deilbh, Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha amas ann an t-àite a dhèanamh nas ruigsinniche dhaibhsan a bhios a' tadhal air

Am prìomh togalachTùs an deilbh, Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an taigh-tasgaidh a' cumail stuthan a tha cudromach a thaobh eachdraidh agus cultar taobh siar na Gàidhealtachd

Air a stèidheachadh anns an 1922, 's e Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar aon dhe na taighean-tasgaidh as sine air Ghàidhealtachd.

Am measg nan cruinneachaidhean, tha stuthan Seumasach, nithean a thaobh cultar na Gàidhlig, agus pìosan ceangailte ri treànadh nan Commandothan ann an Loch Abar aig àm an Dàrna Cogaidh.

Tha na planaichean aca ag amas air na togalaichean aca a leasachadh, an t-àite a dhèanamh nas ruigsinniche, agus cùram nas fheàrr a thoirt dhan tasglann.

Tha iad ag ràdh gu bheil am maoineachadh ùr a' sealltainn misneachd san lèirsinn aca agus a' dearbhadh cho cudromach 's a tha dulachas Loch Abair.

Cosgaidh am pròiseact mu £6.2m uile gu lèir agus feumaidh an taigh-tasgaidh £3m a bharrachd a thogail fhathast.

Thèid film a shealltainn ann an Taigh-dhealbh na Gàidhealtachd air an 4mh dhen Ògmhios mu na planaichean agus na h-oidhirpean aca airgead a thogail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo