Ball ùr ag iarraidh comataidh fa leth mu leasachadh an A9

Am Prìomh Mhinistear Iain Swinney a' tadhal air earrann den A9 eadar Tom Aitinn agus A' Mhòigh anns a' Ghearran
- Air fhoillseachadh
Thuirt ball ùr an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach aig Holyrood gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba sùil a thoirt feuch dè eile as urrainnear a dhèanamh gus cabhag a chur air Riaghaltas na h-Alba a thaobh obair-leasachaidh an A9.
Tha am ball Lib Deamach, Anndra Baxter, air sgrìobhadh gu Oifigear Riaghlaidh na pàrlamaid agus e airson 's gun tèid comataidh ùr a stèidheachadh aig am bi aire air an obair sin.
Bha an leithid air a mholadh le rannsachadh Comataidh nan Ath-chuingean Poblach sa Phàrlamaid mu dheireadh.
Tha Anndra Baxter ag ràdh, leis gu bheil pàrlamaid agus buidheann de bhuill-phàrlamaid ùr ann, gu bheil an t-àm ann seo a thoirt gu buil.
Tha e ag ràdh gu bheil cho cudromach is a tha an cuspair a' fàgail gu bheil e riatanach gum bi comataidh fa leth ann gus aire a thoirt dha.
"Ged a tha e comasach an cuspair a thogail ann am pàirtean eile den phàrlamaid, chan eil sin an aon rud ri sgrùdadh mionaideach le buidheann de bhuill-phàrlamaid timcheall air bòrd a' ceasnachadh mhinistearan agus oifigearan", thuirt e.
Cuideam ionmhasail
Tha an riaghaltas ag amas air an A9 a dhèanamh dà-fhillte ro 2035.
Tha obair-togail a leantainn air earrannan eadar Tom Aitinn is a' Mhoigh agus Crois-rathaid Abhainn Tatha agus Baile an Lùig. Thathar an dùil gum bi an dà earrann sin deiseil ann an 2028.
Tha Mgr Baxter ag ràdh gu bheil cuideam a dhìth ge-tà gus an riaghaltas a chumail ris a' chlàr-ama a stèidhich iad.
"Le ionmhas poblach ann an staid chugallaich, agus ministear ùr a' coimhead air ath-leasachadh na roinne poblaich, tha dragh orm gum faodadh pròiseact mar an A9 tighinn fo chuideam agus gum faodadh an clàr-ama a bhith air a phutadh air ais", thuirt e.
"Bu chòir dhuinn cuideam a chuir air an riaghaltas an clàr-ama a thoirt air adhart."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 Am Faoilleach

- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach

- Air fhoillseachadh20 An Dùbhlachd 2023
