Cuirm am Barraigh airson fàilte a chur air ìomhaigh ùr an Naoimh Bàrr

Dithis fhear agus boireannach nan seasamh aig seann ìomhaigh shnaidhte choncreit de dh'fhear le a ghàirdeanan suas
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich an iomairt gus an t-airgead a thogail agus an seann ìomhaigh air a dhol bhuaithe cho mòr

  • Air fhoillseachadh

Bidh cuirm ann am Barraigh Dihaoine airson fàilte a chur air ìomhaigh shnaidhte ùr den Naomh Bàrr.

'S ann às a dhèidh a tha Barraigh air ainmeachadh, agus 's e an-diugh là na fèille aige, an là a dh'èug e ann an 623AD.

Tha an ìomhaigh ùr dheth a' gabhail àite na seann ìomhaigh choncreit a chuireadh suas sna 1970an air eilean beag sa Bhàgh a Tuath a chuimhneachadh air an naomh Èireannach.

Bidh an sagairt paraiste, an Canon Iain Pòl MacFhionghain, os cionn aifrinn agus beannachaidh.

An làthair, bidh Àrd-Chonsul na h-Èireann ann an Dùn Èideann, Jerry O'Donovan - a bhuineas do sgìre dhùthchais an Naoimh Bàrr fhèin, taobh siar Chontae Chorcaí.

Chaidh an ìomhaigh shnaidhte ùr a dhèanamh leis an t-snaidheadair Stephen Tinney an dèidh mar a thòisich iomairt airson £100,000 a thogail san Iuchar 2024.

Chaidh an t-airgead a bha a dhìth a thogail san t-Sultain an-uiridh an dèidh tabhartais de £85,000 bhon Chaiptean Iain MacNìll, a chaidh a thogail ann am Barraigh, agus a bhean Kat Heathcote NicNìll MBE.

Thug Oighreachd a' Chrùin cuideachd airgead seachad.