Dàil eile air prìosan ùr Inbhir Nis ga fhosgladh

Ìomhaigh dealbhaichte de phrìosan ùr Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach dàil eile a chur air fosgladh prìosan ùr Inbhir Nis.
A' bruidhinn aig Holyrood Diardaoin, thuirt Runàire a' Cheartais Niall Gray, nach eil dùil a-nis gum fosgail HMP na Gàidhealtachd chun an earrach 2027.
Thuirt e gur e duilgheadasan leis an obair-togail as coireach.
Bha còir aig an togalach a bhith air fosgladh ann an 2020.
Thèid am prìosan ùr faisg air Pàirc Bhùithtean Inbhir Nis an àite Phrìosain Phorterfield sa bhaile a tha còrr is 100 bliadhna a dh'aois.
Cosgaidh e còrr is £200m, sin ceithir uidhir 's a bha dùil sa chiad dol a-mach .
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An t-Samhain 2022

- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal 2020

- Air fhoillseachadh2 An t-Sultain 2020
