Dàil eile air prìosan ùr Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Ìomhaigh dealbhaichte de phrìosan ùr Inbhir NisTùs an deilbh, SPS
Fo-thiotal an deilbh,

Ìomhaigh dealbhaichte de phrìosan ùr Inbhir Nis

Thàinig e am bàrr gu bheil dàil eile air prìosan ùr air a' Ghàidhealtachd is gu bheil a' phrìs air èirigh a-rithist.

Tha dùil gum bi am prìosan ùr ann an Inbhir Nis trì uidhir nas cosgaile na bhathas a' smaointinn anns a' chiad dol a-mach.

Thèid am prìosan ùr faisg air Pàirc Bhùithtean Inbhir Nis an àite Phrìosain Phorterfield sa bhaile a tha còrr is 100 bliadhna a dh'aois.

Bha còir aig an obair tòiseachadh bho thùs ann an 2018.

Chaidh dàil air gnothaichean bhon uair sin is tha Seirbheis Phrìosain na h-Alba a-nise air dearbhadh gun toir obair-togail co-dhiù sia mìosan nas fhaide na bha dùil sa chlàr-ama mu dheireadh a bh' ann.

Achd Saorsa an Fhiosrachaidh

Thuirt iad gum bi an goireas ùr deiseil faisg air deireadh 2024.

Chaidh innse cuideachd gu bheil dùil a-nise gun cosg an leasachadh mu £140m.

'S e £52m am buidseat a bh' ann nuair a chaidh am pròiseict a chur air adhart sa chiad dol a-mach.

Thàinig am fiosrachadh ùr às dèidh iarrtais a rinn am BPA Tòraidheach Èideard Mountain tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Tha am BBC air beachd iarraidh bho Sheirbheis Phrìosain na h-Alba.