Toileachas gum bi prìosan ùr an Inbhir Nis a' faighinn prìomhachas

  • Air fhoillseachadh
Prìosan PhorterfieldTùs an deilbh, Dr Neil Clifton

Chaidh fàilte a chur air an naidheachd gum faigh prìosan ùr Inbhir Nis prìomhachas anns na planaichean aig Riaghaltas na h-Alba.

Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon seo anns a' phrògram reachdais aice Dimàirt.

Bha còir tòiseachadh air an obair air a' phrìosan ùr ann an 2018 a' gabhail àite Porterfield a chaidh a thogail ann an 1902.

Ach tha maill às dèidh mhaill air a bhith air a' phròiseact le prìosan nam ban, agus prìosan a ghabhas àite Bhàrr na Linne a' faighinn prìomhachas.

Prìomhachas

Chaidh cead dealbhachaidh a thoirt seachad mar-thà airson a' phrìosain ùir a thèid a thogail faisg air Pàic Bhùithtean Inbhir Nis air iomall a' bhaile.

Tha dùil gun cosg an togalach ùr timcheall air £90m.

Tha am ball Tòraidheach airson na Gàidhealtachd, Edward Mountain a' cur teagamh anns a' phrìomhachas ge-tà agus e den bheachd gur e an taghadh a bhios ann an ath-bhliadhna a tha toirt air an riaghaltas gluasad a thaobh a' phrìosain.

"Tha e tàmailteach an-dràsta gu bheil prìosanaich às a' Ghàidhealtachd gan cur gu prìosanan eile leis nach eil rùm ann dhaibh an seo agus tha sin a' ciallachadh nach urrainn na teaghlaichean aca tadhal orra.

Goireasan

"Chan eil goireasan freagarrach a bharrachd aig Porterfield airson a bith a' teagasg agus a' cuideachadh phrìosanaich airson deisealachadh iad fhèin airson tilleadh dhan choimhearsnachd.

"Tha mi a' cur fàilte air an naidheachd gu bheil an riaghaltas a' dol a thoirt prìomhachas dhan phrìosan ùr, ach bi mi faireachdain tòrr nas cofhurtail nuair a chì mi an t-ionmhas air a bhòrd", thuirt e.