Prìosan ùr Inbhir Nis a' dol a-mach gu tairgse
- Air fhoillseachadh

Ìomhaigh dealbhaichte de phrìosan ùr Inbhir Nis
Ghluais planaichean airson prìosan ùr an Inbhir Nis air adhart is Riaghaltas na h-Alba air dearbhadh gun cur iad am pròiseict a-mach gu tairgse.
Thèid e an àite Phrìosain Phorterfield a tha seann-fhasanta is e còrr air 100 bliadhna a dh'aois.
Chaidh cead dealbhachaidh a thoirt seachad airson HMP na Gàidhealtachd aig an A96 faisg air pàirc bhùithtean Inbhir Nis.
Bha còir aig an obair tòiseachadh bho thùs ann an 2018.
Draghan
Cha do thachair sin, agus thàinig e am bàrr an-uiridh gun robh Riaghaltas na h-Alba airson prìomhachas a thoirt do phrìosan ùr do bhoireannaich agus prìosan a ghabhas àite Bharlinnie an Glaschu.
Chuir a' mhaille dragh air cuid ri linn 's gu bheil uiread de phrìosanaich ann am Porterfield, a dh'fhosgail ann an 1902.
Ann an teachdaireachd a thàinig a-mach Dihaoine, thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil obair a' leantainn le prìosan nam boireannach agus gun tèid pròiseictean HMP Ghlaschu is HMP na Gàidhealtachd a-mach gu tairgse.