Dòchas gun tig dearbhadh air maoineachadh 'son ospadal ùr a' Ghearasdain

Togalach mòr fada le tòrr uinneagan. Tha coltas ùr air agus tha beanntann air a chùlaibh le sneachd orra.Tùs an deilbh, NHS NA GÀIDHEALTACHD
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt slàinte an dòchas gun tig dearbhadh Diardaoin air maoineachadh airson ospadal ùr a' Ghearasdain. Sin agus Rùnaire na Slàinte, Angela Constance, gu bhith a' bruidhinn aig Holyrood.

Gabhaidh an togalach ùr àite Ospadal a' Bhelford a tha mu 60 bliadhna de dh'aois agus nach eil freagarrach tuilleadh a thaobh fheumalachdan slàinte a' phobaill.

Cosgaidh e £137m agus thèid a thogail air làraich air a' Bhlàr Mhòr, faisg air Caol a' Ghearasdain.

Tha cead-dealbhachaidh aig NHS na Gàidhealtachd air a shon agus tha iad an-dràsta a' cur cùis-ghnothaich ri chèile.

Tha roinn tubaist is èiginn ùr-nòsach, seòmraichean-lannsa agus ionad màthaireachd am measg nam planaichean.

Tha luchd-iomairt slàinte air a bhith ag iarraidh ospadal ùr sa Ghearasdan fad bhliadhnaichean.

Chaidh bacadh a chur air planaichean leasachaidh a thaobh cùram slàinte air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan ann an 2024, nuair a chuir Riaghaltas na h-Alba dàil de dhà bhliadhna air sgeamaichean ùra ri linn duilgheadasan ionmhais.

Dh'adhbharaich seo fearg ann an Loch Abar. Ach chaidh maoineachadh a chur mu seach airson bliadhna-ionmhais 2025/26 airson an ospadail ùir.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd roimhe gur dòcha gun tòisich an obair cho tràth ris an Dàmhair an ath-bhliadhna ach chan eil clàr-ama sam bith dearbhte fhathast.

Tha cuideachd dòchas ann gun tig fios Diulain mu mhaoineachadh airson Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn agus Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige.