Oifigear ùr an Stafainn 'son "cothroman a chruthachadh do shean is òg"

Triùir fhear agus dithis bhoireannach nan seasamh air oir rathaid an sgìre dhùthchail. Chithear talamh glas air an culaibh, togalaichean geala agus am muir
Tùs an deilbh, URRAS AN TAOBH SEAR
Fo-thiotal an deilbh,

Stiùirichean SCT Anndra Whitehead is Iain MacAonghais (clì), Oifigear-leasachaidh SCT, Laura Dhòmhnallach (meadhan), an Cathraiche Dòmhnall Dòmhnallach agus an Stiùiriche Magaidh Ros

  • Air fhoillseachadh

Tha linn ùr ro Urras an Taobh Sear san Eilean Sgitheanach (SCT) agus tè a bhuineas dhan sgìre air tilleadh airson an dreuchd mar Oifigear Leasachaidh na buidhne a ghabhail os làimh.

Tha Laura Dhòmhnallach, a thogadh san Dìg, ag ràdh gu bheil i airson "cothrom a thoirt do dhaoine òga fuireach san Eilean Sgitheanach agus beatha a dhèanamh ann".

Bha i 17 bliadhna air falbh a' fuireach ann an Glaschu agus san Spàinn far an d' fhuair i eòlas air a bhith a' cumail taice ri òigridh agus coimhearsnachdan, agus a bhith os cionn phròiseactan.

Tha i a' gabhail àite Ùisdein Rois a bha 12 bliadhna san obair agus an urra ri Taighean a' Chaiseil - pròiseact taigheadais, slàinte is gnìomhachais air an aon làraich - agus toiseach an leasachaidh aig Cala Stafainn a tha a-nis for shealbh na coimhearsnachd.

'S e fear de phrìomhachasan SCT an obair aig a' chala a thoirt gu ceann cho math ri sgeama taigheadais shòisealta eile air làrach Taighean Nurs Stafainn.

Thuirt Laura: "Chunnaic sinn gnothchasan ùra a bhith air an stèidheachadh mar thoradh air leasachadh a' chala agus tha sin na adhbhar brosnachaidh.

"Tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' togail air an sin le bhith a' cruthachadh chothroman do shean is òg."

Thuirt i gu bheil i cuideachd airson faicinn mar a ghabhas "an cànan is cultar againn a bhith air an neartachadh tro obair SCT".

Chaidh an t-urras a stèidheachadh, taobh a-muigh mar dhòigh dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh an dèidh mar a sheall an cunntas-sluaigh ann an 1991 gur e Stafainn an aon choimhearsnachd san Eilean Sgitheanach far an tàinig lùghdachadh air na bha de luchd-còmhnaidh ann.