Seanadh Cultarail na Gàidhealtachd ga chumail airson a' chiad uair

Thàinig luchd-ealain agus buidhnean cultarail bho air feadh na Gàidhealtachd còmhla airson a' chiad choinneimh dhen t-seanadh
- Air fhoillseachadh
Choinnich Seanadh Cultarail na Gàidhealtachd airson a' chiad uair ann an Inbhir Nis Diciadain.
Tha am fòram ùr ag amas air guth nas làidire agus nas aonaichte a thoirt do luchd-ealain agus feadhainn eile a tha an sàs ann an roinn a' chultair san sgìre.
Chaidh a stèidheachadh às dèidh coinneimh san Ògmhios mar phàirt de thagradh Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd airson inbhe Chathair-bhaile a' Chultair san Rìoghachd Aonaichte an 2029.
Nochd iarrtas an sin airson cruinneachaidh mhaireannaich a bhiodh a' coinneachadh gu cunbhalach, agus a leanadh às dèidh pròiseas an tagraidh.
Bheir an seanadh daoine cruthachail agus buidhnean ealain is cultarail bho air feadh na Gàidhealtachd còmhla.
Cho math ri a bhith mar àite far an tèid beachdan a chur air adhart agus deasbad a dhèanamh, thathas ag amas air atharrachadh a thoirt gu buil san roinn.
'S e a bhith a' leasachadh ro-innleachd ùir airson nan ealan agus a' chultair air Ghàidhealtachd fear de na prìomhachasan aca.
Chaidh Fiona Dalgetty, Àrd-Oifigear Fèis Rois, ainmeachadh mar a chiad neach-gairm air an t-seanadh.
Thuirt i: "'S e cothrom a tha seo airson guthan ùra ann an roinn a' chultair a chluinntinn, agus bhithinn a' brosnachadh duine sam bith a tha a' faireachdainn gu bheil rudeigin aca ri ràdh, a dhol an sàs còmhla rinn.
"Feumaidh guthan luchd-ealain a bhith aig cridhe an deasbaid agus tha mi toilichte gum bi taic-airgid ga thabhainn air daoine cruthachail a tha ag obair air an ceann fhèin 'son a' chruinneachaidh seo agus feadhainn a tha ri thighinn."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Lùnastal
