Teaghlaichean ùra ann an Stafainn

  • Air fhoillseachadh
Taighean a' ChaiseilTùs an deilbh, Urras an Taobh Sear

Tha sia teaghlaichean a-niste air gluasad a-steach gu taighean ùra ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach.

Chaidh na taighean ùra, sa bheil trì seòmraichean cadail an urra, a thogail le Urras an Taobh Sear ann an Stèinnseal, airson am faighinn air prìs no màl reusanta.

'S e Taighean a' Chaiseil a th' air an leasachadh.

Tha cruaidh-fheum air taighean air prìs reusanta san eilean, agus prìsean gu math mòr ri linn cho tarraingeach 's a tha an t-àite a-niste do luchd-turais.

Nas fhasa 's nas èifeachdaich

Tha sin a' fàgail dùbhlain mhòir mu choinneimh muinntir an àite agus teaghlaichean òga a dh'iarradh fuireach san sgìre.

'S e Taighean a' Chaiseil a' chiad leasachadh taigheadais choimhearsnachd ann an Stafainn bho 1999.

Thog an t-Urras e, an co-bhann le Urras an Taigheadais Choimhearsnachd agus Comann Taigheadais an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, air chosgais £1.6m.

Tha ionad slàinte ùr agus aonadan gnothachais na chois.

Bha sluagh Stafainn air crìonadh bho 610 duine gu 568 ann an ceithir bliadhna mus do thòisich an t-Urras air a' phròiseact ann an 2014.

A-niste ge-tà, tha 12 inbheach agus ochdnar chloinne a' dèanamh dachannan ùra ann.

"Tha e math dha-rìribh deireadh a' phròiseict seo fhaicinn air fàire an dèidh iomadh bliadhna de dh'obair chruaidh leis an Urras," thuirt stiùiriche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach.

"Gu mì-fhortanach, chan eil am pròiseact seo a' dèiligeadh ris na h-adhbharan a th' air cùlaibh nan trioblaidean a tha mu choinneimh mòran dhaoine agus teaghlaichean òga, a thaobh prìsean thaighean a' sìor èirigh, dìth thaighean air prìs reusanta, agus gainnead in-ionmhais airson choimhearsnachdan dùthchail.

"Tha sinn taingeil airson na taice a fhuair sinn bho bhuidhnean poblach agus Riaghaltas na h-Alba, ach tha cruaidh-fheum air dòighean nas fhasa agus nas èifeachdaiche fhaighinn gus cuideachadh a thoirt dhaibhsan as motha a tha feumach air, 's leigeil le coimhearsnachdan guth nas làidire a bhith aca sa phròiseas," thuirt e.

Coimhearsnachd

Chaidh na taighean ùra a thogail faisg air Bun-Sgoil Stafainn, agus tha sin na tharraing do chuid de na teaghlaichean ùra.

"Tha sinn toilichte gum faod a' chlann againn coiseachd gu sàbhailte chun na sgoile," thuirt Paul Young.

"Tha e math cuideachd gun deach na taighean seo a thogail còmhla ann an Stafainn, 's an t-àite dìreach math fhèin do theaghlaichean, 's cothrom air barrachd neo-eisimeileachd a bhith aig a' chloinn a thaobh a bhith a' coiseachd dhan sgoil 's a chluich le an caraidean.

"Tha na taighean gu math seasgar, agus abair sealladh a th' aca! Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith a' dèanamh dachaigh san taigh ùr againn."

Thog tè eile den fheadhainn a fhuair na taighean, Karen Hutchison, cuideachd air mar a chaidh an taighean a thogail còmhla.

"'S fìor thoil leam an fhaireachdainn a th' ann de choimhearsnachd eadar na daoine.

"Tha e cho math a bhith a' faicinn na cloinne a' dol a-mach 's a-steach air taighean a chèile, no a' cluich a-muigh 's a' coiseachd chun na sgoile còmhla."