Lùghdachadh anns na thòisich am FtMG sna h-Eileanan an Iar

- Air fhoillseachadh
Thuit an àireamh de chloinn a thòisich ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar bho 57% gu 49%.
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil grunn adhbharan air cùl seo is tha iad air molaidhean a chur air adhart ann an oidhirp piseach a thoirt air àireamhan 'son 2027/28.
Thug an t-ùghdarras ionadail poileasaidh ùr a-steach ann an 2020 a tha a' ciallachadh gum feum pàrantan taghadh gun an cuid chloinne a chur taobh na Gàidhlig.
Tha na h-àireamhan air a bhith caochlaideach bhon uairsin.
Às dèidh tuiteam gu 42% de chloinn anns na h-Eileanan an Iar a' tòiseachadh ann an Clas 1 ann am FtMG ann an 2024, dh'èirich àireamhan gu 57% an-uiridh.
'S e sin an àireamh as àirde a tha air a bhith ann is Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh aig an àm gun robh e "eachdraidheil".
Leudachadh am foghlam Gàidhlig sna h-Eileanan
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2020
CnES dòchasach nach lean lùghdachadh ann an àireamhan FtMG
- Air fhoillseachadh25 An t-Sultain 2024
Ann an aithisg ùr, taobh a-muigh , a sgrìobh Àrd-Oifigear an Fhoghlaim aig CnES, Dòmhnall MacLeòid, thathar ag innse gun do thuit an àireamh de chloinn a thòisich ann an Clas 1 san fharsaingeachd anns na h-Eileanan an Iar am-bliadhna bho 190 gu 176.
Ged a bha àireamhan na Gàidhlig sìos bho 109 an-uiridh gu 87, bha àrdachadh ann am FtMB bho 81 gu 89.
Tha sin a' fàgail gun robh mòr-chuid am-bliadhna (51%) ann am foghlam tron Bheurla.
Tha an aithisg ag ràdh gun robh seo a dh'aindeoin "tòrr obrach" gus FtMG a shanasachd.
Thathar ag ràdh gur dòcha gun tug crìonadh ann an àireamhan ann an sgoiltean a tha gu traidiseanta làidir a thaobh FtMG buaidh air cùisean.
A thuilleadh air sin, bha àrdachadh ann a thaobh phàrantan a rinn co-dhùnadh dàil a chur air an cuid chloinne a bhith a' dol gu Clas 1 gus am biodh iad nas sine, is tha dùil gun tèid "cuibhreann nach beag" den chloinn seo gu FtMG air a' cheann thall.
Chaidh togail cuideachd gun robh àrdachadh ann an clann ann an Clas 1 le feumalachdan a bharrachd is gu bheil clann san t-suidheachadh sin "cha mhòr an-còmhnaidh" a' dol taobh na Beurla.
Thog an aithisg cuideachd air clann a thòisich am-bliadhna aig a bheil peathraichean is bràithrean a bha mar-tha ann am foghlam Beurla is a lean iad, air neo càirdean a bha a' dol gu foghlam Beurla.
57% de chloinn P1 sna h-Eileanan Siar ann am FtMG
- Air fhoillseachadh29 An Lùnastal 2025
Àireamhan FtMG anns na h-Eileanan an Iar aig "ìre eachdraidheil"
- Air fhoillseachadh28 An Giblean 2025
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil grunn cheumannan gan toirt air adhart feuch gnothaichean a leasachadh 'son 2027/28 gu sònraichte.
Nam measg tha còmhraidhean le ceannardan-sgoile gus FtMG a bhrosnachadh, oidhirp às ùr gus foghlam Gàidhlig a shanasachd, barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh gu pàrantan, co-obrachadh nas fheàrr eadar sgoiltean agus cuideachd le oifigearan-leasachaidh na Gàidhlig.
Thathar ag ràdh gum bu chòir cuideachd poileasaidh Gàidhlig an Toiseach a shanasachd is a neartachadh agus dèanamh cinnteach gu bheil daoine ga thuigsinn.
Tha na molaidhean seo a thuilleadh air obair àbhaisteach a tha a' dol air adhart gus FtMG a shanasachd am measg phàrantan le clann eadar 0-3.
Tha an aithisg cuideachd ag ràdh gun do dh'fhuirich an ceudad de chloinn ann am bun-sgoilean nan Eilean Siar bho C1 gu C7 gu lèir aig 48%.