Rannsachadh poilis às dèidh tubaist air an A82

An A82Tùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an A82 a dhùnadh an dèidh na tubaiste mu 12:00f Diluain

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' rannsachadh tubaist a dhùin an A82 faisg air Drochaid an Aonaichain Diluain.

Bha aon charbad - làraidh - an sàs san tubaist aig Gleann Glaoidh.

Thachair i goirid an dèidh meadhan-là.

Chaidh heileacoptair agus dà ambaileans rathaid a chur chun na làraich ach chan eil na seirbheisean èiginn air càil innse mun chùis fhathast.

Chaidh seach-shlighe a chomharrachadh taobh an A86, ach chaidh an rathad sin a dhùnadh mu 3:00f an dèidh tubaiste eile aig Srath Mhathaisidh, faisg air Lagan.

Chaidh fhosgladh a-rithist bhon uairsin.

Chaidh an A82 fhosgladh a-rithist mu 10:45f Diluain.

An Todhar

Tha na poilis cuideachd a' sireadh fiosrachaidh às dèidh dhroch thubaist faisg air an Todhar Là na Sàbaid.

Aig mu 9:40f, chaidh Lexus dubh a lorg ann an achadh ri taobh rathad an A832 a tha a' dol eadar Cromba agus Geàrrloch.

Chaidh an draibhear, fireannach aois 17, a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain agus e air a dhroch leòn.

Bha an rathad dùinte tron oidhche fhad 's a bha rannachadh ga dhèanamh agus chaidh fhosgladh a-rithist mu 07:20m Diluain.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an Lexus mus deach e far an rathaid, no aig a bheil clàraidhean dashcam, fios a chur thuca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo