Maoineachadh £3m ga foillseachadh do phròiseactan eileanach

- Air fhoillseachadh
Gheibh ionad-dualchais Ceann na h-Àirigh ann an Griomasaigh £600,000 mar phàirt de mhaoineachadh £3m a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba do dh'eileanan na dùthcha.
Chaidh am maoineachadh, a tha mar phàirt de Phlana Nàiseanta nan Eilean, fhoillseachadh leis a' Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, 's e a' tadhal air Griomasaigh Dimàirt.
Bheir a' mhaoin gu lèir, eadar na diofar thabhartasan, taic do raointean taigheadais, cùram-slàinte agus còmhdhail, a bharrachd air a bhith a' cur an aghaidh crìonadh an t-sluaigh.
Tha 13 pròiseactan, eadar 12 eilean, a' faighinn taic, eadar Earra-Ghàidheal, a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.
Am measg nam pròiseactan a tha a' faighinn taic bhon mhaoin tha:
£393,000 'son dà sheann togalach Gaeltec san Eilean Sgitheanach a sgeadachadh mar hubaichean ioma-chleachdaidh coimhearsnachd.
£302,949 do stèidheachdh ionad-bheata làn-ùine ann na Tiriodh.
£355,112 airson rathad a leasachadh ann an Eilean Rùim
£76,000 airson àite-fuirich do luchd-cùmhnant ann an Eilean Chanaigh
£272,506 ga thoirt do phròiseact airson taigheadas air prìs reusanta a thogail aig Achadh na Croise ann an Lios Mòr.
£345,500 do Hub Iomairt na Mara aig Bun Dòbhrain ann am Muile
Cothroman
"Tha na h-uiread de chothroman an lùib nan coimhearsnachdan eileanach againn, agus cumaidh am maoineachadh seo taic riutha le bhith a' ruigsinn àrd-amasan a tha stèidhichte air prìomhachasan ionadail, agus le bhith a' neartachadh seasmhachd is soirbheachas nan àitichean seo san ùine fhada," thuirt Mgr Swinney.
"Eadar a bhith a' lìbhrigeadh bun-structair riatanaich agus a' toirt chothroman do ghnìomhachasan beaga, bidh na pròiseactan seo a' cumail taic ri cosnadh, a' cruthachadh teachd a-steach, agus a' leasachadh maith nan coimhearsnachdan againn.
"Tha Riaghaltas na h-Alba dìcheallach eileanan a dhèanamh nan àitichean fiù 's nas tarraingiche do dhaoine a tha airson fuireach, obair agus teaghlach a thogail ann.
"Bidh seo a' glèidheadh an t-sluaigh agus nam beò-shlaintean a dh'fheumas coimhearsnachdan eileanach airson àm ri teachd seasmhach a thogail," thuirt e.
Thuirt am Prìomh Mhinistear gun cuireadh an t-airgead a tha Ionad Dualchais Ghriomasaigh a' faighinn ri "farsainneachd nas motha de dh'iomairtean" a lìbhrigeadh a chùm maith na coimhearsnachd.
Ach tha na Làbaraich air càineadh a dhèanamh air an Riaghaltas, 's iad ag ràdh gur e gealltanas briste a tha seo às dèidh mar a gheall Iain Swinney ann an iomairt taghadh Holyrood gun stèidhicheadh riaghaltas ùr SNP maoin £10m airson seasmhachd eileanaich.
Ach tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach e seo ach a' chiad chuid den airgead agus gun tig an còrr tron theirm pàrlamaid seo agus ron ath-thaghadh.