Naidheachdan 11:00m
FIFA
Tha buidhnean riaghlaidh a' bhuill-choise anns an Roinn Eòrpa, Àisia agus Ceann a Tuath agus Meadhan Aimeireagaidh air iarraidh còmhla gum biodh àth-sgrùdadh neo-eisimeileach air a dhèanamh air plana a bh' ann gus cuibhreann de Chupa na Cruinne agus farpaisean eile a reic ri companaidhean prìobhaideach. Nan litir, tha UEFA, an UFC, an AFC agus CONCACAF ag ràdh nach buin ball-coise do dh'aon duine sam bith, agus gu bheil ceann-suidhe FIFA, Gianni Infantino, air fhèin a chur os cionn maith na spòrs còmhla. Chuir esan às dhan phlana a bha aige às dèidh do mhòran bruidhinn a-mach na aghaidh.
An Ucràin
Tha oifigich ann an sgìre Tatarstan den Ruis ag ràdh gun deach co dhiù 13 duine a mharbhadh le ionnsaigh dròn Ucràinianach. Thuirt am mèar ann am baile Nizhnekamsk gun robh an ionnsaigh air amas air targaidean sìobhalta agus gnìomhachais. Tha mòran obair ola agus cheimigeach ga dhèanamh anns a' bhaile. Anns an Ucràin fhèin, tha na h-ùghdarrasan ann an sgìre Kharkiv mun ear-thuath ag ràdh gun do bhàsiach còignear ann an ionnsaighean adhair Ruiseanach tron oidhche.
Maoin Seasmhachd
Tha airgead luach £3.3m ga ghealltainn air a' bhliadhna ionmhais seo dha companaidhean agus buidhnean eileanach a tha air call le mì-chinnt nam bàtaichean-aiseig. Tha maoin ùr luach £10m uile gu lèir air fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba aig toiseach seachdain far am bi am Prìomh Mhinistear, John Swinney, air turas dha na h-Eileanan an Iar. Bha a' mhaoin air a gealtainn mar phàirt de dh'iomairt an taghaidh - agus ged a bha dùil ris taobh a-staigh 20 latha de riaghaltas ùr, bha e an uairsin air a gealtainn am broinn a' chiad 100 latha dhen riaghaltas - a bhios ann dìreach air an t-seachdain seo fhèin.
Jackdaw
Tha an co-chomhairleachadh air pròiseact gas mòr Jackdaw sa Chuan a Tuath a' crìochnachadh an-diugh. Thig riaghaldairean gu co-dhùnadh air am bu chòir tolladh às ùr a cheadachadh mar phàirt den sin. Tha a' chompanaidh air cùl nam planaichean, Adura, ag ràdh gu bheil measadh ùr a rinneadh dhaibhsan a' sealltainn nach biodh na h-emiseanan a bhiodh a' tighinn às an raon a' toirt buaidh shusbainteach sam bith air atharrachadh na gnàth-shìde. Tha luchd dìon na h-àrainneachd an aghaidh an leasachaidh gu tur ge-tà.
Ultra I&C
Chaidh dithis fhireannach a chur fo chasaid às dèidh mar a chaidh milleadh a dhèanamh aig oifisean le companaidh teicneòlas-dìon ann an Obar Dheathain. Chaidh aithris gun robh luchd-iomairt air briseadh a steach dha na h-oifisean aig Ultra I&C ann an sgìre Westhill de dh'Obair Dheathain an-dè. Tha dùil ri fear aois 39 agus fear eile aois 18 sa chùirt an-diugh fhathast.