£50m a dhìth 'son slighean monaidh an Alba a chàradh

Tha dà mhullach air An Teallach air a bheil inbhe SSSI
- Air fhoillseachadh
Tha ìmpidh ga cur air Riaghaltas na h-Alba maoin a stèidheachadh airson ceuman-coise air beanntan na dùthcha a dhèanamh nas seasmhaiche.
Tha iarrtas Chaidreachas Chur-Seachadan a' Bhlàir A-Muigh an Alba (SORA) a' tighinn agus gàirdeachas ann gu bheil pròiseact coimhearsnachd airson an staran suas An Teallach a leasachadh a-nis ullamh.
Tha a' bheinn air Taobh Siar Rois, air a bheil dà mhullach còrr is 3,000m de dh'àirde, na Làrach de Shuim Shònraichte Shaidheansail (SSSI).
Thug e trì bliadhna slighean na beinne a bh' air an crìonadh gu dona ath-thogail an dèidh iomairt choimhearsnachd agus taic còrr is 30 saor-thoileach.
Tha Sreap Alba ag ràdh gu bheil am pròiseact a' sealltainn na ghabhas dèanamh còmhla ach tha iad am measg na tha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba maoin £50m a stèidheachadh eadar 2026 is 2031 airson lìonra slighean beinne na dùthcha a dhìon.
- Tùs an deilbh, DOUGIE BAIRD

Fo-thiotal an deilbh, Mar a bha an ceum-coise mus deach an obair-leasachaidh a dhèanamh
1 de 5
Thog a' choimhearsnachd còrr is £300,000 tron iomairt It's Up to Us airson ceuman air An Teallach ùrachadh, agus rinn saor-thoilich còrr air 412 uairean de dh'obair, co-ionann ri saothar luach £16,000.
Thugadh còrr is 700 tunna de stuth a-steach airson càradh a dhèanamh air còrr is 3km den t-slighe a bha air a droch chrìonadh.
Tha luchd-iomairt a' bhlàir a-muigh a' toirt rabhadh gu bheil maoineachadh a bharrachd a dhìth airson lìonra cheuman-coise nam monaidhean àrda an Alba a dhìon airson nan ginealaichean ri teachd.
Thuirt Àrd-oifigear Sreap Alba, Stuart Younie: "Tha sinn an dòchas gun do sheall sinn cho cudromach 's a tha e airgead a chosg air slighean monaidh, agus cho doirbh 's a tha e airgead a thogail airson na h-obrach cudromaich seo."

Tha Ewan Watson am measg na tha a' cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba maoin a stèidheachadh airson ceuman-coise a chumail aig ìre
Tha Sreap Alba ag ràdh gu bheil turasachd coiseachd a' cur timcheall air £1.6bn ri eaconomaidh na h-Alba ach nach eil maoineachadh riaghaltais airson ceuman-coise air monaidhean prìobhaideach ann.
The iad ag ràdh gu bheil an milleadh air ceuman-coise air fàs nas miosa on chailleadh maoineachadh Eòrpach an dèidh Brexit.
Tha iad cuideachd a' toirt rabhadh gu bheil atharrachadh na gnàth-shìde a' fàgail gu bheil ceuman beinne an Alba a' crìonadh nas luaithe na thèid aca air an càradh.
Thuirt Ewan Watson bho Urras Cothrom-Inntrigidh air a' Bhlàr a-Muigh an Alba (OATS): "Gun ach glè bheag de mhaoineachadh riaghaltais, neo càil idir, airson obair mar seo a dhèanamh air talamh prìobhaideach, tha sinn a' crochadh gu mòr air taic a' phobaill agus buidhnean com-pàirteach airson dèanamh cinnteach gu bheil slighean nam beann seasmhach."
Sheall sgrùdadh bho chionn ghoirid gu bheil co-dhiù £30m a dhìth airson na ceuman-coise as miosa ùrachadh, agus gum feumar co-dhiù £400,000 airson càradh bliadhnail a dhèanamh orra.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An Dàmhair 2025

- Air fhoillseachadh29 An t-Samhain 2022

- Air fhoillseachadh12 An t-Samhain 2020




