Naidheachdan 10:00m

Cumhachd

Tha na milleanan de dhachannan a' dol a dh'fhaicinn àrdachaidh 13% air na cunntasan cumhachd aca bhon Iuchar. Tha Ofgem air cuibhreachadh prìse fhoillseachadh le buaidh a' chogaidh san Ear-Mheadhanach ga chur ris airson a' chiad uair. Tha dùil gu bheil seo a' cur £18 sa mhìos sa chumantas ri dachannan an Alba, an Sasainn agus anns a' Chuimrigh a tha a' cleachdadh an dà chuid gas is dealain.

Sir Tony Blair

Tha Sir Tony Blair a' fàgail air an Riaghaltas Làbarach nach eil plana coileanta aca airson na dùthcha. Thuirt e gum bu chòir prìomhachas a thoirt do phoileasaidhean seach poileataigs, 's nach bu chòir ceannard ùr a chur an àite Sir Keir Starmer gun deasbad a bhith ann an toiseach mu phoileasaidhean. Tha Sràid Downing ag ràdh gu bheil focas a' Phrìomhaire air a bhith a' toirt seachad atharrachaidh do dhaoine àbhaisteach.

Israel

Tha Israel ag ràdh gu bheil iad air fear de cheannardan ùra Hamas a mharbhadh ann an ionnsaigh air Gaza. Chaidh Mohammed Odeh a chur os cionn ghnothaichean airm Hamas às dèidh mar a chaidh an duine a bh' ann roimhe a mharbhadh air a' mhìos seo chaidh. Chan eil Hamas air sgath a ràdh thuige seo ge-tà.

Carbon

Tha rannsachadh ùr a' tomhas gu bheil gnìomhachasan airson cothromachadh carbon a' cur taic ri còrr air 105,000 cosnadh ann an Alba. Tha an rannsachadh airson Caidreachas nan Gnìomhachasan Breatannach cuideachd a' dèanamh dheth gun do chur e £10bn ris an eaconomaidh an-uiridh - cha mhòr 5% de dh'eaconomaidh na dùthcha agus a dhà uimhir an taca ri roinn an àiteachais.

A9

Tha an A9 dùinte an-dràsta gach taobh beagan deas air Dùn Chailleann às dèidh do làraidh a dhol na theine. Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn goirid ro 06:30 madainn an-diugh. Tha trì einnseanan smàlaidh an-dràsta an lathàir agus tha na poilis air slighe eile a chomharrachadh do dhraibhearan.

Cunnart an uisge

Tha rabhaidhean air nochdadh às ùr mu na cunnartan a tha an lùib a bhith a' dol dhan uisge san t-sìde bhlàth às dèidh mar a dh'eug grunnan dhaoine òga ann an Sasainn sna làithean mu dheireadh. Tha am Fòram Nàiseanta airson Sàbhailteachd san Uisge ag ràdh gun deach 39 duine a bhàthadh ann an tubaistean ann an Alba an-uiridh.