'Piseach a dhìth' air seirbheisean puist eileanach

Bocsa-puist
  • Air fhoillseachadh

Feumaidh barrachd a bhith air a dhèanamh gus piseach a thoirt air seirbheisean puist ann an coimhearsnachdan eileanach.

Sin a rèir na buidhne Luchd-cleachdaidh Alba, a th' air a stèidheachadh leis an Riaghaltas.

Tha iadsan ag ràdh gu bheil 60,000 duine nach eil a' faighinn na h-ìre seirbheis a bu chòir air sgàth 's far a bheil iad a' fuireach.

An-dràsta, tha seirbheis a' phuist nas slaodaiche anns na h-Eileanan an Iar, Arcaibh is Sealtainn na ann an àitichean sam bith eile ann an Alba.

Aig a' cheart àm ge-tà, chan eil targaidean sam bith an sàs sna sgìrean sin gus an t-seirbheis a leasachadh.

Tha seirbheisean Ciad Chlas anns a h-uile pàirt eile de dh'Alba air an dìon le targaidean air a bheil Ofcom a' cumail sùil.

Fo na targaidean sin feumaidh am Post Rìoghail 93% de phost Chiad Chlas fhaighinn gu far a bheil e còir a dhol taobh a-staigh aon là obrach.

Tha Luchd-cleachdaidh Alba a-nis ag ràdh nach eil e cothromach nach eil eileanaich a' faighinn an aon sheirbheis.

Thuirt am Post Rìoghail nach eil an t-seirbheis aca aig an ìre a bu chòir agus gu bheil obair a' leantainn gus an ìre ris a bheil luchd-ceannaich an dùil a lìbhrigeadh.

Thuirt Ofcom nach eil seirbheis lìbhrigidh a' Phuist Rìoghail air a bhith math gu leòr on bha am pandemic ann, le coimhearsnachdan iomallach an Alba gu h-àraid a' fulang.

Thuirt a' bhuidheann-riaghlaidh gun do chuir iad càintean luach còrr is £16m air a' Phost Rìoghail sa dà bhliadhna a dh'fhalbh, agus tha iad ag ràdh gu bheil iad a' cur ìmpidh air a' chompanaidh gun toir iad piseach air seirbheisean cho luath sa ghabhas.