Oifis a' Phuist an Steòrnabhagh a' gluasad dhan Cho-op

- Air fhoillseachadh
Thèid meur Oifis a' Phuist ann an Steòrnabhagh a ghluasad gu bùth mhòr a' Cho-op anns a' bhaile.
Dh'innis Oifis a' Phuist an-uiridh gun robh iad a' cur bhuapa nam meuran mu dheireadh aca, agus a' gluasad gu modail ceadachais margaidheachd (franchise) airson an lìonra aca air fad.
Gabhaidh an Co-op thairis a bhith a' ruith Oifis a' Phuist anns a' bhùth aca air Rathad MhicAmhlaigh.
Chaidh ùrachadh a dhèanamh air an làraich sin bho chionn ghoirid.
Bidh na h-aon seirbheisean gan toirt seachad 's a bha gan lìbhrigeadh aig làrach Oifis a' Phuist air Sràid Fhrangain, leis na h-aon uairean fosglaidh.
'S e bùth Steòrnabhaigh an tè as motha a th' aig Buidheann a' Cho-op, 's e a' toirt cosnaidh do 100 duine.
Thuirt stiùiriche lìbhrigidh cruth-atharrachadh nan Oifisean Puist, Martin Edwards gu bheil iad "ag aithneachadh cho fìor chudromach is a tha ruigsinneachd seirbheisean Oifis a' Phuist, gu sònraichte ann an sgìre dùthchail."
Thuirt e gu bheil iad "misneachail gun toir an gluasad seirbheis san ùine fhada don sgìre."
Chan eil ceann-là air a dhearbhadh fhathast airson am meur a bhith gluasad ach thuirt Oifis a' Phuist gum bi sin air a dhearbhadh an ceann ùine.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An Giblean
