CnES 'son airgead a bharrachd a chosg air na prìomhachasan aca fhèin

Fo-thiotal,

Donnchadh MacAonghais a' bruidhinn air Aithris na Maidne

  • Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air airgead a bharrachd do chomhairlean ann am buidseat Riaghaltas na h-Alba, ach thuirt iad gum feum saorsa a bhith aca co-dhùnadh mar a thèid a chosg.

Anns na planaichean a dh'fhoillsich Rùnaire an Ionmhais, Shona Robison, Diciadain bha gealltanas maoineachadh nan ùghdarrasan ionadail a chur suas £1bn.

Thuirt Rùnaire an Ionmhais gum bu chòir gu leòr a bhith ann gus nach bi feum aig comhairlean air àrdachaidhean mòra a thoirt air cìsean.

Tha Cosla ag ràdh gum feum iad beagan làithean airson cnuasachadh air buaidh a' bhuidseit air ùghdarrasan ionadail is dùil gun coinnich ceannardan comhairle Dihaoine.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt leas-cheannard CnES, Donnchadh MacAonghais, "nach eil air a bhith ann ach gearraidhean" thar iomadh bliadhna, is gu bheil e cudromach gun tèid airgead a bharrachd a chosg air feumalachdan an ùghdarrais fhèin.

"Dh'fheumadh sinn saorsa fhaighinn air airgead sam bith a tha a' sinn a' dol a dh'fhaighinn gur ann air na prìomhachasan againn a bhiodh sinn ag iarraidh a chaitheamh, is nach biodh iad ag innse dhuinn càite am bi sinn ga chaitheamh," thuirt e.

Am measg nam prìomhachasan sin, thuirt Mgr MacAonghais, bhiodh adhartas leis a' phròiseact 'son sgoil ùr a thogail ann am Barraigh.

Tha e ag ràdh gu bheil "iomagain" air a' Chomhairle nach robh guth sa bhuidseat mu ospadal ùr ann am Barraigh, ged a bha gealltanas air maoineachadh 'son ospadal ùr a thogail sa Ghearasdan.

Bha plana ann bho thùs an dà chuid ospadal agus sgoil a thogail air an aon làraich ann am Barraigh.

Còmhdhail

Thog Mgr MacAonghais cuideachd air seirbheisean adhair eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh is eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis.

Tha connspaid mhòr air a bhith ann mun t-seirbheis eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh gu sònraichte is a' bhuaidh air euslaintich.

Thuirt Mgr MacAonghais gur e briseadh-dùil a th' ann nach robh guth air taic riaghaltais airson seirbheisean mar sin.

A thaobh cìs na comhairle, thuirt e gun robh dùil ron bhuidseat seo nach biodh dol às aca ach a cur suas.

Thuirt e gum bi còmhraidhean a-nise aig an ùghdarras fhèin anns na seachdainean ri thighinn mus dèan iad co-dhùnadh

Chuir e fàilte cuideachd air àrdachadh £5m ann am buidseat na Gàidhlig is e ag ràdh gu bheil "an t-àm ceart ann 'son faicinn leasachadh na Gàidhlig".

Thàinig e am bàrr an t-seachdain seo chaidh gu bheil Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Bidh Riaghaltas na h-Alba feumach air taic bho phàrtaidh eile gus na planaichean buidseit aca a chur troimhe.

Bidh bhòt ann sa Ghearran.

Tuilleadh air an sgeulachd seo