Cuibhreachadh sochair na cloinne gu bhith air a thogail an Alba

Shona Robison agus John Swinney
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt ministearan SNP roimhe gu bheil a' cur às do bhochdainn chloinne mar phrìomh amas dhaibh

  • Air fhoillseachadh

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba às don chuibhreachadh "mhillteach" air sochairean fo nach fhaod pàrantan cuir a-steach airson sochairean ach airson dithis chloinne a-mhàin.

A' mìneachadh dreach a' Bhuidseit aice ann an Holyrood, thuirt Rùnaire an Ionmhais, Shona Robison, gum biodh ministearan SNP a' feuchainn ri maoineachadh a thoirt seachad do theaghlaichean air an tug am poileasaidh buaidh ro 2026 agus nach robh teagamh ann nach "tèid cuir às dhan chuibhreachadh".

Dh'ainmich i cuideachd gun tig atharrachadh air riaghailtean na cìse-cosnaidh an Alba a dh'fhàgas gum bi a' mhòr-chuid den t-sluagh a' pàigheadh nas lugha an taca ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha na pàrtaidhean dùbhlanach a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' mì-làimhseachadh ionmhas na dùthcha.

Shona Robison, Ceit Fhoirbeis agus John Swinney
Fo-thiotal an deilbh,

Gheall Rùnaire an Ionmhais, Shona Robison, gun cuir iad às don chuibhreachadh air sochairean do dhithis chloinne a-mhàin

Chaidh an cuibhreachadh dithis-chloinne a thoirt a-steach le riaghaltas Tòraidheach na Rìoghachd Aonaichte ann an 2017 agus chaidh a chumail le riaghaltas Làbarach Sir Keir Starmer.

Thuirt Ms Robison gu bheil e a' toirt buaidh air 15,000 duine cloinne an Alba.

Thuirt i gum feumadh iad taic Westminster fhaighinn airson dèiligeadh ri buaidh a bhith a' cur às dhan chuibhreachadh agus gum bi 2026 ann mus rachadh aca air pàigheadh a thoirt do theaghlaichean.

Ach thuirt i "chan eil teagamh ann, thèid cur às dhan chuibhreachadh" - agus dh'iarr i air na Làbaraich an taic a chur ris a' ghluasad.

Pàrlamaid na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh buill phàrlamaid a' deasbad mholaidhean a' Bhuidseit mus bi bhòt ann

Bidh deasbad aig BPA mu na molaidhean agus 's urrainn dhaibh atharrachaidhean a chur air adhart. Cha bhi bhòt ann air a' bhile gu a' Ghearran.

Tha an riaghaltas, aig a' bheil mion-chuid sa phàrlamaid, an dòchas gun tèid e troimhe agus feumaidh iad taic bho bhuill nam pàrtaidhean dùbhlanach airson sin.

Mura tèid aca air aonta a ruighinn mun bhuidseat, dh'fhaodadh gum piobraich sin taghadh.

Thuirt Uainich na h-Alba, a chuireadh a-mach às a' cho-bhanntachd riaghlaidh leis an SNP na bu tràithe am-bliadhna, nach toir iad taic dhan Bhuidseat gun atharrachaidhean mòra a thoirt air.

Thuirt am BPA Uaineach, Ross Greer: "Tha e air faileachadh air a' bhuidseat seo na molaidhean againn a lìbhrigeadh leithid biadh sgoile an asgaidh a leudachadh gu Clas 6 agus Clas 7, no cuibhreachadh air na chosgas faraidhean bus."

Thuirt cathraiche Thòraidhean na h-Alba, Craig Hoy, a tha cuideachd na fhear-labhairt ionmhais aig a' phàrtaidh, nach robh an riaghaltas ach leis an aon duan leis a' Bhuidseat aca.

Thuirt e: "Bidh luchd-obrach agus gnothachasan a' pàigheadh barrachd ann an cìsean agus thèid an t-airgead sin a chaitheamh le ministearan SNP a tha a' leigeil le seirbheisean poblach crìonadh."

Thuirt neach-labhairt Làbarach na h-Alba air ionmhas, Mìcheal Marra, gur e cothrom a bh' anns a' Bhuidseat dhan SNP Alba a chur air cùrsa ùr an dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte maoineachadh a bharrachd luach £3.4bn a thoirt seachad.

"'S bochd nach eil am mac-meanmna aca airson slighe ùr a ghabhail," thuirt e ri buill phàrlamaid.

"Tha Alba a' dol an taoibh cheàrr fon SNP."