Fàilte air àrdachadh £5m ann am maoineachadh na Gàidhlig

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-iomairt na Gàidhlig air fàilte a chur air planaichean Riaghaltas na h-Alba gus buidseat a' chànain àrdachadh.
Dh'ainmich Rùnaire an Ionmhais, Shona Robison, sa Bhuidseat aice, taobh a-muigh Diciadain gum faigh a' Ghàidhlig £5m a bharrachd sa bhliadhna, a' toirt na suim gu lèir gu £30.5m.
Tha iomairt air a bhith a' leantainn anns na mìosan mu dheireadh gu seachd àraid is feadhainn a tha an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig ag ràdh nach eil am maoineachadh a th' ann an-dràsta idir freagarrach.
Thuirt Art MacCarmaig bho Fhèisean nan Gàidheal gur e toiseach tòiseachaidh a th' ann air slighe nas cinntiche don Ghàidhlig ma thèid gabhail ris nuair a bhios bhòt aig buill-phàrlamaid Albannach air dreach a' Bhuidseit.
Agus thuirt a' bhuidheann-strì Misneachd gun robh iad air am misneachadh "gu bheil àrdachadh a' dol a thighinn air maoineachadh na Gàidhlig airson na h-ath-bhliadhn'.
Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad toilichte gun deach bharrachd airgid a lorg aig "àm dùbhlanach a thaobh ionmhais", ged a tha iad ag ràdh cuideachd "gu bheil fada a bharrachd a dhìth".
Beachd bho Mhàrtainn Mac a' Bhàillidh aig Misneachd
Thuirt Misneachd gum bithear a' coimhead càite an tèid an t-airgead a chosg air a' cheann thall is iad ag ràdh gum feum Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a bhith air a ghlèidheadh.
Chaidh £175,000 a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba nas tràithe am-bliadhna gus an sgeama a chumail a' dol, is iad aig an aon àm air iarraidh air Bòrd na Gàidhlig "sgrùdadh a dhèanamh air an sgeama is plana ullachadh airson mar a dh'obraicheas e gu seasmhach san àm ri teachd".
Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an àrdachadh ann an airgead na Gàidhlig san dreach bhuidseit cuideachd.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt leas-cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais, gur e deagh naidheachd a th' ann is gu bheil "an t-àm ceart ann 'son faicinn leasachadh na Gàidhlig".
Thàinig e am bàrr an t-seachdain seo chaidh gu bheil CnES a' beachdachadh air àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.
Bidh Riaghaltas na h-Alba fhathast feumach air taic bho phàrtaidh eile gus na planaichean buidseit aca a chur troimhe is bhòt gu bhith sa Ghearran.