Oifigear air fhastadh gus Sgìre Cànain Shònraichte a leasachadh anns na h-Eileanan an Iar

Fireannach ann an lèine ghorm na sheasamh ann an seòmar deasbaid. Tha gruag dhorcha airTùs an deilbh, CnES
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air oifigear fhastadh le dleasdanas obair a cho-òrdanachadh a dh'ionnsaigh Sgìre Cànain Shònraichte a stèidheachadh.

'S e Fionnlagh Lawson a tha mar-tha air a bhith na phàirt de Sgioba Gàidhlig CnES.

'S ann à Dùn Èideann bho thùs a tha Fionnlagh.

'S e inbhe ùr an cois Achd nan Cànanan Albannach a th' ann an Sgìrean Cànain Sònraichte fon phrionnsabal gum faigh cuid de dh'àitichean aithne is taic a bharrachd feuch a' Ghàidhlig a dhìon is fhàs annta.

'S iad Comhairle nan Eilean Siar a' chiad ùghdarras ionadail air an deach iarraidh fon achd beachdachadh air Sgìre(an) Cànain Shònraichte a stèidheachadh.

Chaidh bliadhna a thoirt dhaibh bhon Mhàrt 2026.

Tha bliadhna aig Comhairle na Gàidhealtachd is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid bhon t-Sultain 2026.

Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar roimhe gur e am plana a th' aca gum bi inbhe Sgìre Cànain Shònraichte air na h-eileanan gu lèir ach gum bi "àrainnean" ann aig ìre nas ionadaile is cothrom aig coimhearsnachdan na planaichean aca fhèin a dhèanamh.

Tha planaichean mar-tha aig dà sgìre - Àrainn Uibhist is Àrainn Iar-Thuath Leòdhais - mar phàirt de phròiseact pìleat air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig thairis air an dà bhliadhna a dh'fhalbh.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan san Dàmhair, thuirt Oifigear Gàidhlig Coimhearsnachd CnES, Aonghas MacIllInnein, gu bheil iad "airson 's gum bi co-ionannachd eadar Nis agus Ceann Bharraigh san dòigh 's a bheil taic ga toirt seachad.

"Chan eil sinn a' feuchainn ach ri structar gu math sìmplidh ach èifeachdach far am bi co-obrachadh a' dol eadar bhuidhnean," thuirt e.

Fhuair Comhairle nan Eilean Siar £315,000 mar-tha bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh leis a' phròiseas a dh'ionnsaigh Sgìre Cànain Sònraichte a stèidheachadh is bha iad air dearbhadh gun rachadh oifigear fhastadh le cuid den airgead sin.

Tha iad ag ràdh a-nise gum bi Fionnlagh Lawson "a' co-òrdanachadh obair gus Sgìre Cànain Shònraichte nan Eilean Siar a stèidheachadh le prìomhachas air a bhith a' leudachadh 's ag àbhaisteachadh bruidhinn na Gàidhlig nar coimhearsnachdan.

"Tha smachd ga thoirt do choimhearsnachdan fa leth le bhith stèidheachadh naoi àrainnean taobh a-staigh an structair seo, agus bidh Fionnlagh ag obair gu dlùth còmhla ris na h-àrainnean seo agus na riochdairean a thèid a thaghadh anns gach àrainn," thuirt iad.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd aig deireadh na Dàmhair gu bheil iadsan an dùil an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.

Thàinig sin às dèidh mhiosan de chonnspaid is an t-ùghdarras ionadail air innse bho thùs gun robh iad a' coimhead air sgìre Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir a chomharrachadh.

Thuirt a' chomhairle gu bheil iad a-nis ag amas air oifigear coimhearsnachd fhastadh airson na molaidhean a thaobh uàrd Eilean a' Cheò a thoirt air adhart.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' coimhead an toiseach ri sgìrean far a bheil co-dhiù 20% den t-sluagh le sgilean sa Ghàidhlig no far a bheil FtMG air a thabhann.

Nì iad co-chomhairle anns na mìosan ri thighinn.