Diofar dhual-chainntean na Cuimrigh a' cur ri dreach ùr de Star Wars

Fan le dà storm trooper a' togail dealbh
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh innse aig an Eisteddfod san Lùnastail gum biodh am fiolm ga dhèanamh

  • Air fhoillseachadh

Thèid fear dha na filmaichean as ainmeile a chaidh a dhèanamh a-riamh a shealltainn ann an Cuimris air Là na Nollaige.

Nochdaidh tionndadh de Star Wars: A New Hope, a' chiad fhilm a chaidh a dhèanamh san t-sreath, air sianail S4C.

Chaidh Star Wars: Gobaith Newydd a shealltainn son a' chiad uair aig tachartas ann an Cardiff an t-seachdain sa chaidh.

Tha cleasaichean Cuimreach air na guthan aca a chur ri caractaran leithid Luke Skywalker, Darth Vader agus Obi Wan Kenobi.

'S e Osian Morgan a bhios a' cluich Luke Skywalker is e ag ràdh gu bheil e "air bhioran" mu dheidhinn.

Bha a theaghlach ann nuair a chaidh am film a shealltainn agus dh'innis e gur e a' chiad uair a tha a bhràthair òg air gin dhe na filmaichean fhaicinn.

"Tha e air leth gur ann sa Chuimris a tha e ga fhaicinn son a' chiad uair", thuirt e.

Mark Lewis Jones - tha feusag aige agus tha seacia dhoinn air, tha e a' coimhead dhan chamara le suaicheantas Star Wars air a chùlaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Mark Lewis Jones, a tha a' cluich Darth Vader, gu bheil an dual-chainnt aige freagarrach airson an "dark side"

Tha am film bho 1977 air a bhith ga dhèanamh ann an còrr is 50 cànan a-nis.

Thuirt Ruairidh Francis, aig a bheil ùidh mhòr ann an Star Wars, gu bheil muinntir na Cuimrigh "fortanach" gu bheil an leithid a' tachairt.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt e gu bheil deasbad air tòiseachadh mu na diofar dhual-chainntean Cuimreach a tha a' nochdadh san fhiolm.

"Aig a' phremière bha cleasaichean a' bruidhinn air mar a tha guthan feadhainn de na caractaran à ceann a deas na Cuimrigh, ach gur ann à Wrexham anns a' cheann a tuath a tha Mark Jones, a tha a' cluich Darth Vader", thuirt e.

"Tha na blasan eadar-dhealaichte agus tha iad ag ràdh gu bheil sin a' cur ris an fhilm."

Thuirt Llyr Ifans, a tha a' cluich C-3PO, gu bheil e an dòchas gun soirbhich leis an fhilm agus gun tèid barrachd dhe na filmaichean bhon t-sreath a dhèanamh sa Chuimris.

"Tha coltas ann gu bheil C-3PO anns a h-uile gin dhiubh", thuirt e.

"Tha mi misneachail gun còrd e ri daoine agus gum bi gu leòr de phàrantan aig a bheil a' Chuimris toilichte air Là na Nollaige."

Thathar ag ràdh gu bheil C-3PO fileanta ann an sia millean dòighean-conaltraidh agus thuirt Ifans gu bheil aon chànan a bharrachd aige a-nis.

Chan eil e follaiseach an do dh'ionnsaich e Gàdhlig fhathast.