Làmh an uachdair aig Ceann a' Ghiùthsaich an rèis an tiotail

Gàirdeachas ga dhèanamh am measg chluicheadairean Cheann a' Ghiùthsaich às dèidh tadhal Lee Bain Disathairne.
  • Air fhoillseachadh

Tha Ceann a' Ghiùthsaich ann an suidheachadh làidir 'son grèim a chumail air tiotal na Prìomh Lìge às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air na nàbaidhean aca Baile Ùr an t-Slèibh Disathairne.

Bha am Baile Ùr feumach air puing aig an Dell gus an tiotal a bhuannachadh iad fhèin is chaidh iad air thoiseach le tadhal bho Chonor Jones às dèidh 33 mionaidean.

Bha buille ann dhaibh cha mhòr sa bhad nuair a chaidh Jones a chur far na pàirce.

Bha Ceann a' Ghiùthsaich co-ionnan tràth san dàrna leth tro Lee Bain, is chuir an sgiobair aca Ruairidh MacAnndrais iad an uairsin 2-1 air thoiseach le 17 mionaidean air fhàgail.

Sin mar a chrìochnaich an geama - is le càirt dhearg eile do Struan Ros aig a' Bhaile Ùr anns na mionaidean mu dheireadh - is làmh an uachdair a-nise aig Ceann a' Ghiùthsaich san rèis.

Tha seusan a' Bhaile Ùir ullamh is iad aig an ìre seo ceithir puingean air thoiseach air Ceann a' Ghiùthsaich aig mullach na lìge.

Thèid Ceann a' Ghiùthsaich seachad orra ge-tà, ma 's e is gum buannaich iad an dà gheama a tha air fhàgail aca.

Bidh iad an aghaidh Loch Abair an ath-sheachdain is an uairsin Ceann Loch Seile air an t-seachdamh là den t-Samhain.

Ged a rinn an droch aimsir sgrios air tòrr de chlàr na h-iomain chaidh farpaisean a' Mhòid air adhart ann an Glaschu.

Bha fìor dheagh là aig Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal is iadsan a' togail nam prìomh fharpaisean do bhoireannaich agus dha na fir.

Ann an geama nam ban rinn GMA a' chùis 3-1 air Oilthigh Ghlaschu gus Cupa Dùbhlain LearnGaelic a bhuannachadh.

'S iad Lexie NicCoinnich, Rose Watson is Beth Page a bha air an targaid do GMA às dèidh do Hannah NicDhòmhnaill na h-oileanaich a chur air thoiseach tràth.

Thòisich GMA gu làidir ann an geama nam fear is Calum Moireasdan, Logan Adam is Ryan MacCoinnich (2) uile le tadhail sa chiad leth an aghaidh Obar Dobhair.

Chuir Fionnlagh Penman tadhal eile do GMA tràth san dàrna mus d' fhuair Calum Moireach fear air ais dha sgioba Fhìobha.

Chrìochnaich e 5-1 is Geall-dùbhlain na h-Aghaidh Mòire a' dol gu GMA.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte