Naidheachdan 11:00m

An Fhraing

Tha Ministear na Dùthcha anns an Fhraing air aideachadh gun robh feachdan tèarainteachd san dùthaich air smachd a chall air cuid de na bailtean aca fhad 's a bha fòirneart agus buaireadh a' dol thairis air an deireadh-sheachdain. Chaidh còrr math is 2,000 duine a chur an grèim ann an diofar sgìrean den dùthaich. Thuirt Laurent Nunez gun robh e fhèin le uallach airson cuid de na mearachdan a rinneadh agus bha e an-diugh a' tabhainn a dhreuchd fhàgail air a' Cheann-suidhe Macron. Tha esan ge-tà, air iarraidh air fuireachd na dhreuchd agus dòighean ùra a lorg gus dèiligeadh ris an èiginn a th' ann.

Rùnaire na Gàidhlig

Tha Rùnaire na Gàidhlig Màiri NicAilein airson agus gum bi barrachd Gàidhlig - agus barrachd mun Ghàidhlig - ann an curraicealam nàiseanta na sgoile ann an oidhirp dèiligeadh ri "dìth tuigse" mun chànan ann an Alba. Tha i air a bhith a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan mun mheas a th' aice fhèin dhan Ghàidhlig, agus uallach oirre airson a' chànain a thuilleadh air foghlam agus cultar, ann an Riaghaltas na h-Alba. Nochd i beachd cuideachd gur e "cothrom caillte" a bhiodh ann nam biodh Comhairle na Gàidhealtachd a' stèidheachadh na sgìre aca air fad mar Sgìre Chànain Shònraichte, fo achd nan cànanan Albannach mar a chaidh a mholadh le oifigich.

Seirbheisean bus

Tha luchd-iomairt mu chòmhdhail phoblaich air fàilte a chur air molaidhean bhon Phrìomh Mhinistear seirbheisean bus ann an Alba a chur dhan roinn phoblaich. Aig co-labhairt an SNP air an deireadh-sheachdain, thuirt John Swinney gun robh e airson an leithid a chur an gnìomh ron bhliadhna 2031. Rinneadh càineadh air na planaichean leis a' chompanaidh bhusaichean neo-eisimeilich as motha anns an Rìoghachd Aonaichte - McGill's, a tha stèidhichte ann an Siorrachd Rinn Friù - ge-tà. Thuirt iadsan gur ann a bha an riaghaltas airson sealbh a ghabhail air companaidhean. Gheall Riaghaltas na h-Alba a bhith ag obair cuid ri companaidhean mu na planaichean a th' aca.

Astràilia

Tha tè de bhuill-phàrlamaid Astràilia ann an staid ìosal anns an ospadal às dèidh mar a bhuail car innte faisg air an oifis aice fhèin. Tha fear an grèim aig na poilis ann an Stàit Victoria agus thuirt Prìomhaire Astràilia, Anthony Albanese, gur e ionnsaigh a dh'aona-ghnothaich a rinneadh air Helen Haines. Tha ise na ball neo-eisimealach dhen phàrlamaid aca.

Prògram Bìdh an UN

Tha Prògram Bìdh nan Dùthchanan Aonaichte ag ràdh gu bheil aca ri gearradh air ais air an ìre de thaic a tha iad a' toirt seachad ann an Gàsa, agus dìth an ionmhais a' bualadh orra. Bheir iad seachad taic, thuirt iad, dha 500,000 duine nas lugha - 1.1 millean neach seach 1.6 millean duine.

Douglas Dunn

Agus tha luaidh ga dhèanamh air Douglas Dunn - bàrd, sgrìobhaiche agus sgoilear Albannach. Tha e air bàsachadh aig aois 83. Bha e na ollamh ann am Beurla aig Oilthigh Chill Rìmhinn, 's bhuannaich e an dà chuid Duais Whitbread agus Bonn na Banrigh airson a chuid bàrdachd.