Geàrr-chunntas

  • Tha Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich a' coinneachadh aig Pàirc Mossfield sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd

  • Seo an dàrna bliadhna ann an sreath a tha iad air coinneachadh sa chuairt dheireannaich

  • Bhuannaich am Baile Ùr 3-2 an-uiridh

  • Tha ceangal aig mullach na duilleige gu prògram BBC Spòrs às an Òban

  • Tòisichidh an geama aig 2:10f is bidh gach buille tron fheasgar againn an seo

  1. Peadar Ros misneachailair fhoillseachadh aig 13:31 TSB

    Abair thusa gu bheil manaidsear a' Bhaile Ùir misneachail - mar as àbhaist!

    "Tha mi gu math misneachail is tha mi dìreach 'son a dhèanamh a-nise agus an cupa a thoirt air ais a Bhaile Ùr an t-Slèibh", tha e ag ràdh.

  2. Eil Roddy Young fut?air fhoillseachadh aig 13:27 TSB

    Tha leas-mhanaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Ali MacLeòid, air a bhith a' bruidhinn ri Dòmhnall MacLaomainn againn.

    Nuair a dh'fhaighnich Dòmhnall dha a bheil Roddy Young fut, 's e a fhreagair Ali ach "tha mi an dòchas".

    Tha na h-uimhir de cheistean air a bhith ann mu Cheann a' Ghiùthsaich is na th' ann de chluicheadairean a tha air a bhith air an goirteachadh anns na mìosan mu dheireadh.

    Dòmhnall is Ali
  3. Nàimhdean Bhàideanach sa chuairt dheireannaichair fhoillseachadh aig 13:20 TSB

    A dh'aindeoin an dualchais iomain bheartaich eatorra, chan eil Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich air coinneachadh sa chuairt dheireannaich mhòir ach seachd tursan gu seo.

    Cha robh e comasach, cuimhnich, gu 1983, is gach cuairt dheireannach ron sin eadar tuath is deas.

    Tha làmh an uachdair aig Ceann a' Ghiùthsaich anns na geamaichean sin, dìreach, is iad air ceithir às na seachd a bhuannachadh.

    Tha am Baile Ùr air thoiseach uile gu lèir a thaobh Chupa na Camanachd ge-tà, 35 gu 26, agus 's iadsan a rinn a' chùis ann cuairt dheireannach Bhàideanach an-uiridh 3-2.

  4. "Naidheachd mhòr"air fhoillseachadh aig 13:14 TSB

    Alasdair MacIllinnein
    Ag aithris à Pàirc Mossfield

    Tha Roddy Young ann an sgioba Cheann a' Ghiùthsaich ach a dh'aindeoin gun deach ainmeachadh sa sguad - chan eil Dylan Borthwick fut. Tha e coltach gu bheil air a ghlùin a ghoirteachadh is chan eil e fut.

  5. Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 13:08 TSB

    Bob MacGriogair

    Robert Mabon

    Calum Grannd

    Kieran Mac a’ Phearsain

    Alexander Michie

    Rory MacEachainn

    Calum MacLay

    Thomas Borthwick

    Ruaridh MacAnndrais

    Roddy Young

    Savio Genini

    Lee Bain

  6. Sgioba a' Bhaile Ùirair fhoillseachadh aig 13:04 TSB

    Kenny Ros

    Rory Ceannadach

    Craig Ritchie

    Daniel Sloss

    Steven Dòmhnallach

    Arron MacBheathain

    Tristan Ros

    Drew Dòmhnallach

    Brodie MacBheathain

    Struan Ros

    Matthew Sloss

    Iain Robinson

  7. Gach builleair fhoillseachadh aig 13:00 TSB

    Tha feasgar air leth de dh'iomain romhainn ma-tha is bheir sinn thugaibh an naidheachd air fad às an Òban.

    A' tòiseachadh dìreach an-dràsta tha prògram sònraichte aig Sgioba Spòrs BBC Radio nan Gàidheal - gheibhear an ceangal aig mullach na duilleige againn.

    Bho 2f bidh ceangal ann cuideachd dhan phrògram air BBC ALBA is na dealbhan à Mossfield.

    Fhad 's a tha sinn a' feitheamh air sin is fiosrachadh mu na sgiobaidhean, bheir sinn sgrìob luath tro beagan - agus dìreach beagan - den eachdraidh mhòir eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich.

  8. Aimsirair fhoillseachadh aig 12:56 TSB

    Tha i air a bhith rudeigin caochlaideach tron mhadainn san Òban le beagan grèine ach le frasan trom. Tha dùil ri barrachd dhiubh feasgar.

    Saoil an toir sin buaidh sam bith air a' gheama?

    Am Baile Ùr a' bhlàthachadh suas
  9. "Break their legs...smash their clubs....trip them up"air fhoillseachadh aig 12:51 TSB

    Chan e sin idir a tha san amharc againn dhuibh an-diugh!

    Ach bha na beachdan seo, a rèir choltais, am measg na chualas bho luchd-taice aig geama mòr iomain eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh air ais ann an 1888.

    'S iomadh turas a chluich fuamhairean Bhàideanach bhon uairsin agus 's iomadh sàr gheama a thug iad dhuinn (agus beagan aimhreit aig amannan cuideachd).

    Tha a' chaibideil as ùire anns an stòiridh fhada gu bhith ann feasgar an-diugh is na sgiobaidhean a' coinneachadh aig Pàirc Mossfield airson na duais as motha ann an iomain nam fear - Cupa na Camanachd.

    Bidh gach buille às an Òban againn dhuibh tron fheasgar beò an seo fhèin.

    Geama iomain ann am Baideanach anns na 1880an
    Fo-thiotal an deilbh,

    Geama iomain ann am Baideanach anns na 1880an. Dealbh bho CJB Mac a' Phearsain bhon leabhar aig Rosemary Gibson