Diageo a bu choireach ri truailleadh am Moireibh a mharbh fiadh-bheatha

- Air fhoillseachadh
Ghabh a' chompanaidh mhòr dibhe Diageo ris gur iad a bu choireach ri truailleadh cheimigeach ann am Moireibh a thug bàs do dh'àireimh nach beag de dh'iasg, easgannan agus eòin.
Tha dùil gur e sòda losgach a chaidh a-steach do leas-allt Uisge Spè uaireigin aig toiseach a' Chèitein.
Thug seo buaidh air earrann mìle a dh'fhaid de dh'Allt Chnoc Ceannachd.
Aig an àm thuirt iasgairean-slaite gun deach cur às buileach do na bha de bhradan san abhainn agus gur dòcha gum biodh bliadhnaichean mòra ann mus tigeadh an t-iasg air ais.
"Truailleadh uabhasach" air leas-allt Abhainn Spè
- Air fhoillseachadh4 An Cèitean
Uisge Spè "gun fhianais air truailleadh"
- Air fhoillseachadh3 An Dàmhair 2023
Tha Diageo air an leisgeul a thabhainn airson a' mhillidh a rinneadh air an àrainneachd, agus a' bhuaidh air na bhios a' cleachdadh na h-aibhne agus a' choimhearsnachd air fad.
Thuirt a' chompanaidh gun do chuir iad riaghailtean nas teinne an sàs agus gu bheil iad a' co-obrachadh le Buidheann Àrainneachd na h-Alba (SEPA).
Thuirt neach-labhairt Diageo gu bheil còmhraidhean a' leantainn mu phlana gus taic a chumail ri ath-bheòthachadh agus ath-ùrachadh na sgìre.
Tha SEPA ag ràdh gu bheil an sgrùdadh aca mun chùis fhathast a' dol agus gun tèid beachdachadh air molaidhean neo peanas aon uair 's gu bheil e sin ullamh.