CnaG: Leasachadh na Gàidhlig "ga thachdadh" le crìonadh bhuidseatan

- Air fhoillseachadh
Tha leasachadh na Gàidhlig "ga thachdadh" le crìonadh bhuidseatan, a rèir cheannard Chomunn na Gàidhlig.
Tha Dòmhnall MacNèill air sgriobhadh gu Buill Phàrlamaid na h-Alba airson suidheachadh dhuilich nam buidhnean leasachaidh a mhìneachadh.
"Tha sinn airson a thoirt am follais cho làidir 's a tha am beachd againne gum bu chòir airgead a bharrachd a bhith a' dol a-steach gu saoghal na Gàidhlig.
"Gu h-àraid an t-airgead a tha a' dol gu Bòrd na Gàidhlig agus às a' Bhòrd gu na buidhnean leasachaidh agus na buidhnean lìbhrigidh.
"Thairis air na bliadhnaichean on a stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig tha luach an airgid, le ìre na h-atmhorachd, air crìonadh gu mòr.
"Agus tha sinn seachad air an àm far an còir sin a chur cheart.
Tha e cuideachd air iomradh a thoirt na litrichean a thàinig am follais anns a' cho-chomhairleachadh air Bile nan Cànanan Albannach.
"Tha e gu bhith gu math cudromach gu bheil na buill-phàrlamaid againn uile mothachail agus fiosraichte mun chùis agus deiseil a dhol an sàs anns a' phròiseas."
Thug e seachad a bheachd air aithisg Riaghaltas na h-Alba, a chaidh fhoillseachadh Diciadain.
A rèir na h-aithisg, chàidh còrr is 750 freagairt a thoirt don chò-chomhairleachadh air Bile Ùr nan Cànanan Albannach.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil an aithisg mar dheagh chiad cheum ach 's e an rud as cudromaiche a-nis a bhith a' tuigsinn dè tha an riaghaltas a' dol a thoirt às agus dè dìreach na beachdan agus na molaidhean acasan a thig air adhart.
Farsaing
Anns an litir thug iad cuideachd draghan mu cho farsaing 's a bha a' cho-chomhairleachaidh sin.
"Mar as trice nuair a tha co-ch air fhoillseachadh bidh an riaghaltas no buidhean air coimhead air cheist agus bidh iad ag ràdh seo an dùbhlain agus seo na mollaidhean againn agus bidh cothrom agad mar buidhean no mar neach sealltainn air na molaidhean aca agus beachd a thoirt seachad orra.
"Mar a bha iad seo bha na ceistean aca cho fosgailte agus nach robh fios againn an uair sin agus chan eil fios againn fhathast dè smuaintean a th' aig an riaghaltas.
"Gu ìre nuair a chunnaic mi seo bha mi an dùil gum biodh dàrna cheum gu bhi ann agus gun tilleadh an riaghaltas air co-chomhairle eile nuair a bha iad nas fhaisg air beachd a ruighinn.
"Ach chaidh innse do bhuill phàrlamaid aig buidhean thar-phàrtaidh o chionn mìos no dhà nach robh sin gus a tachairt agus gun robh an ath chothrom a gheibh sinn coimhead air na ceistean a tha seo 's ann nuair a thig e gu ìre comataidhean aig Pàrlamaid na h-Alba.
"Agus sin as coireach gu bheil e cho cudromach gu bheil na BP againn uile deiseil airson a bhith dol an sàs sa phròiseas.
Gainnead
Thug e seachad rabhadh cuideachd air an droch bhuaidh a tha aig gainnead de dh'airgead air buidhnean leithid ChnaG.
"Tha sinn a' feuchainn ri cùs a dhèanamh le goireas ro bheag.
"Tha an t-suim aig Bòrd na Gàidhlig air crìonadh gu mòr a thaobh ìre na h-atmhorachd.
"Nam biodh airgead a bharrachd againn b' urrainn dhuinn barrachd oifigearan fhastadh.
"'S dòcha oifigearan a' dol an sàs ann am prògram nàiseanta òigridh a bhiodh tarraingeach do dhaoine òga, a bhiodh a' toirt chothroman dhaibh an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.
"Tha mi a' smaointinn gur e sin cnag na cùise.
"Feumaidh sinn a' Ghàidhlig a thoirt às an seòmar-sgoile an-dràsta."