Ola teasachaidh: brath air a ghabhail air dachannan aig tuath

Ola ga cur ann an tanca dachaighTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin aithisg gun robh companaidhean ola a' gabhail brath air mòran a tha a' cleachdadh ola dachaigh leis mar a chuir iad prìsean suas gu mòr nuair a thòisich cogadh Iran.

Tha BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, an dùil ceist èiginneach a chur air adhart ann an Taigh nan Cumantan an-diugh mu dheidhinn - an là mu dheireadh mus sgaoil Westminster airson fosadh an t-samhraidh.

Tha mu dhàrna leth nan dachannan gu lèir sna h-Eileanan Siar an eisimeil ola airson teas.

Tha an aithisg bho Ùghdarras na Farpais is na Margaidh ag ràdh gur ann air sgìrean iomallach na h-Alba as motha a thug na h-àrdachaidhean prìse buaidh.

Thuirt an t-ùghdarras gun tèid airgead-dìoghlaidh a phàigheadh do dhaoine a chaill òrdughan agus air an tàinig prìs gu math nas àirde nuair a thòisich an cogadh eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran.

Thàinig air mu 1,700 dachaigh sin a dhèanamh, no a dhol às aonais ola, rud a chosg dhaibh suas ri £350 a bharrachd, a rèir an ùghdarrais.

Tha cuid de chompanaidhean air aontachadh mar-thà airgead-dìoghlaidh a thoirt do luchd-ceannaich san t-suidheachadh sin, ach tha an t-ùghdarras ag ràdh gu bheil iad ag ullachadh cùis-lagha an aghaidh feadhainn a th' air diùltadh sin a dhèanamh.

Rinn an t-ùghdarras coimeas eadar mar a dh'èirich prìsean nuair a thug na Stàitean Aonaichte agus Israel ionnsaigh air Iran sa Ghearran, agus mar a dh'èirich iad nuair a thòisich an cogadh eadar an Ruis agus an Ucràin.

Fhuair iad gun do dh'èirich prìsean tòrr mòr a bharrachd nuair a thòisich cogadh Iran - 92%. Bha an t-àrdachadh na bu mhotha na sin ann an cuid de sgìrean iomallach.

Nuair a thòisich cogadh na h-Ucràin bho chionn ceithir bliadhna cha do dh'èirich prìsean ach 55%

Thuirt an aithisg ge-tà, gun robh an t-àrdachadh aig toiseach cogadh Iran gu ìre ri linn 's mar a bha prìsean mòr-reic (wholesale) aig an àm, le prìs mhòr-reic air èirigh bho mu $70 am baraille mus do thòisich an cogadh sa Ghearran, gu cha mhòr $120 ro dheireadh a' Mhàirt.

Tancair ola agus drònaichean ionnsaigh ann an Caolas Hormuz leis a' ghrian a' dol fodha air an cùlaibhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir mar a thugadh ionnsaighean air luingeas ola ann an Caolas Hormuz prìsean ola an-àirde gu mòr

Tha an t-ùghdarras a' moladh gum bi companaidhean ola gu math nas soilleire do dhaoine dè tha iad a' pàigheadh agus dè na cothroman a th' aca.

Mhol iad gum bi buidheann faire ann dhan ghnìomhachas, 's gum bi fiosrachadh nas soilleire aig daoine a thaobh nan riaghailtean a th' ann mu bhith ag àrdachadh prìse an dèidh do luchd-ceannaich òrdugh a chur a-steach.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad mothachail gu bheil seo a' toirt barrachd buaidh air sgìrean iomallach agus nach eil uimhir de roghainn aig cuid de sgìrean dùthchail a thaobh farpais anns a' mhargaidh.

Thog iad air eisimpleir Èireann a Tuath far a bheil na prìsean ola gam foillseachadh do luchd-cleachdaidh gach là.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iadsan a' coimhead ris an dearbh seòrsa rud a chur an sàs.