Cupa na Cruinne: Dìleab 1994

An sluagh aig Cuairt-dheireannach Cupa na Cruinne ann an 1994Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Cupa na Cruinne a chumail anns na Stàitean Aonaichte an toiseach ann an 1994

  • Air fhoillseachadh
LeAlasdair MacIllinnein
BBC Spòrs

32 bliadhna às dèidh do Chupa na Cruinne a bhith air a chumail anns na Stàitean Aonaichte an toiseach, tha an fharpais as motha ann am ball-coise a' tilleadh gu Aimeireagaidh a Tuath an t-seachdain seo.

Tha leudachadh air tighinn air an fharpais am-bliadhna: 48 sgioba an sàs thairis air trì dùthchannan, le geamannan ann an Canada agus Meagsago, a thuilleadh air na Stàitean Aonaichte.

Cha bheag na dùbhlain a th' air a bhith an lùib a cur air dòigh. Cha bheag na dùbhlain a bha mu choinneamh na farpais ann an 1994 a bharrachd.

Bha teagamh air gu leòr aig an àm air mar a ghabhadh Aimeireaganaich fhèin ris an tachartas.

'S beag an ùidh a bh' ann an "soccer" anns na làithean ud, le spòrsan leithid ball-basgaid, baseball agus ball-coise Ameireaganach a' glacadh àire mhòran.

Dealbh de Murchadh 'Mindy' MacLeòid
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Murchadh 'Mindy' MacLeòid aig Cupa na Cruinne còig tursan thar nam bliadhnaichean

Cha robh adhbhar uallaich ann a rèir feadhainn a bha thall agus a chunnaic ge-tà.

Nam measg, bha Murchadh 'Mindy' MacLeòid, a chaidh gu cuairtean-deireannach Cupa na Cruinne còig tursan.

"Ann an dòigh, sin tè den fheadhainn a b' fheàrr a chòrd rium oir cha robh Alba ann, agus cha robh dragh no uallach orm air mar a thionndaidheadh geamannan a-mach.

"S e an fharpais anns na Stàitean an fharpais a bu mhotha anns an do nochd sluagh riamh bho thòisich Cupa na Cruinne.

"Chan eil barrachd air a bhith ann bhon uairsin, ged a tha cus a bharrachd gheamannan ann an-diugh.

"Mar sin, ghabh iad ris gu mòr."

Dithis luchd-taic le bratach nan Stàitean Aonaichte os an cionnTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann aig farpais 1994 a bha an sluagh as motha riamh aig Cupa na Cruinne

Bha cothrom ann nach dèidheadh an fharpais a chumail anns na Stàitean idir le Brasil agus Moroco cuideachd air cuir a-steach air a son.

Chaidh a thoirt do na Stàitean Aonaichte ge tà, leis gun robh am bun-structar aca an sàs mar-tha agus leis nach biodh na h-uimhir de chosgais an lùib farpais a chumail ann.

Le sin, nochd nam mìlltean air feadh Aimeireagaidh - bho Soldier Field ann an Chicago chun an Rose Bowl ann am Pasadena, California.

Bha prìs nan tiocaidean gu math reusanta cuideachd.

Dealbh de thiocaidean Murchadh 'Mindy" MacLeòid' bho Chupa na Cruinne 1994
Fo-thiotal an deilbh,

Bha prìs nan tiocaidean gu math reusanta aig Cupa na Cruinne 1994

"Tha mise a' smaoineachadh nach robh na tiocaidean ach eadar £15 agus £25 no mar sin," dh'innis Murchadh agus e a' sealltainn grunn tiocaidean dhomh bhon turas aigeasan a-null ann an 1994.

"Cha robh na stèideaman fhèin sònraichte. Gu dearbha bha cuid dhiubh a bha gu math robach. Gu sònraichte am fear ann am Palo Alto, tha mise a' smaoineachadh gun robh sinn nar suidhe air beingeannan fiodha.

"Ann am Pasadena aig an Rose Bowl, cha robh ann ach bobhla mòr concrait. Cha robh feum air còmhdach ann, bha an t-sìde cho math mar as trice.

"Cha robh na stèideaman càil sònraichte ach farpais mhath a bh' ann, chòrd e riumsa gu mòr."

Sealladh den Rose Bowl, làn luchd-taic aig cuairt-dheireannach Cupa na Cruinne 1994Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh a' chuairt-dheireannach ann an 1994 a chluich aig an Rose Bowl ann am Pasadena, California

Farpais eachdraidheil a bhiodh ann an iomadh dòigh.

Chan e a-mhàin gum buannaicheadh Brasil an duais airson a' cheathraimh turas, ach dhèanadh iad e ann an dòigh nach fhacas roimhe ann an cuairt-dheireannach Cupa na Cruinne – air breaban peanais.

Bidh cuimhne glè mhath aig mòran air oidhirp Roberto Baggio aig an Eadailt, a chaidh àrd, seachad air a' mhaide-tarsainn aig an Rose Bowl.

Dh'fhàg sin Dunga agus an còrr de sgioba Bhrasil a' togail na duais – rud a rinn an dùthaich turas eile bhon uairsin.

Le sin, farpais shoirbheachail an iomadh dòigh do na Stàitean, agus farpais às an tàinig dìleab cuideachd.

Donnie 'Large' Dòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Donnie 'Large' Dòmhnallach air a bhith a' fuireach anns na Stàitean Aonaichte bho na 80an

Bha Donnie 'Large' Dòmhnallach a' fuireach ann an California aig an àm.

"Nuair a chaidh an fharpais a thoirt dhaibh, chaidh a ràdh gum feumadh iad lìog phroifeiseanta a stèidheachadh.

"Bha sin na ghealltanas mar phàirt den iomairt Cupa na Cruinne a chumail ann an Aimeireagaidh. Sin a thàinig gu buil.

"Chaidh Cupa na Cruinne a chluich ann an 1994 agus thòisich lìog an MLS ann an 1996"

Tha piseach mòr air tighinn air an dearbh lìog bhon uairsin le cluicheadairean leithid fiùis Lionel Messi a-niste an sàs ann.

An ceann beagan làithean, nochdaidh rionnagan eile na spòrs air pàircean air feadh Aimeireagaidh a Tuath, le gach dùthaich an dòchas gum bi farpais a cheart cho soirbheachail ann le pàircean a cheart cho làn.

Tha duilgheadasan le prìs thiocaidean, taighean-òsta, agus slighean siùbhail air gu leòr fhàgail mì-thoilichte, agus a' ceasnachadh cò dha a tha Cupa na Cruinne: companaidhean mòra, no an luchd-taic a bhios ann nan dròbhan co-dhiù.

Mun àm a thòisicheas an fharpais ann am Bàile-mòr Mheagsago Diardaoin, bidh miann agus dòchas ann gun glac am ball-coise fhèin aire an t-saoghail thairis air na còig seachdainean ri thighinn.

Leis gur e an fharpais as motha agus as fharsaing bho thòisich Cupa na Cruinne bho chionn cha mhòr 100 bliadhna, tha deagh theansa ann gu bheil farpais eachdraidheil eile romhainn.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte