An Gleann Mòr ga fhosgladh a-rithist an dèidh teine fhiadhaich

- Air fhoillseachadh
Tha sgìre de Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a bha dùinte ri linn teine mhòir fhiadhaich ga fosgladh a-rithist an-diugh sa mhadainn.
Chaidh sgìre a' Ghlinne Mhòir a dhùnadh nuair a thòisich an teine air a' 15mh là den Iuchar 's cha deach duine a leigeil a-steach bhon uair sin ach a-mhàin airson fèis chiùil a thòisich Diciadain ann am Bad a' Ghiuthais.
Tha gnothachasan san sgìre air a bhith dùinte còrr air trì seachdainnean aig an àm as trainge den bhliadhna, agus tha dragh mòr air a bhith ann mun bhuaidh a bheireadh an dùnadh orra.
Chaidh na mìltean àcairean fearainn a sgrios san teine, eadar mòinteach agus coille chudromach dhùthchasach, leis na ceudan smàladairean a' strì gus smachd fhaighinn air.
Seo agus Riaghaltas na h-Alba air innse an-dè gun tèid maoin £3m a chur air dòigh a bheir taic do ghnothachasan air an tug an teine buaidh.
Dh'innis Rùnaire na h-Eaconomaidh agus na Turasachd, Stephen Flynn, gur ann le Comhairle na Gàidhealtachd a dheadh a' mhaoin a làimhseachadh.
Maoin £3m do ghnothachasan air an tug teine fiadhaich buaidh
- Air fhoillseachadhBho chionn 15 uairean
Gnothachasan sa Mhonadh Ruadh 'ann an èiginn' agus sgìre dhùinte ga lùghdachadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
Rinn teine fiadhaich sa Mhonadh Ruadh milleadh 'apocailipteach'
- Air fhoillseachadh29 An t-Iuchar
Thuirt e gun robh an teine air "buaidh nach beag a thoirt air mòran ghnothachasan", gu h-àraid orrasan a tha stèidhichte anns an sgìre thoirmisgte.
"Bu mhath leam taing a thoirt do luchd-gnothachais, luchd-obrach agus luchd-còmhnaidh ionadail airson an cuid foighidinn agus tuigse air na bacaidhean a b' fheudar a chur an àite airson dèiligeadh ris an teine 's sàbhailteachd a' phobaill a ghlèidheadh," thuirt e.
"Tha sinn a' tuigsinn an t-suidheachaidh dhoirbh a tha mu choinneimh mòran a-niste, agus mar sin tha mi toilichte maoin suas ri £3m fhoillseachadh leis an toir Comhairle na Gàidhealtachd taic gu dìreach do na gnothachasan."
Thuirt Mgr Flynn gun toireadh na grantaichean faochadh sa bhad do ghnothachasan air an tug an teine buaidh.

Thuirt Sandy McCook gun robh e air a bhith na b' fheàrr nan robh an Riaghaltas air taic fhoillseachadh na bu luaithe
Tha cuid air càineadh a dhèanamh air cho fada 's a thug e don Riaghaltas taic-airgid fhoillseachadh do ghnothachasan ionadail,
"Nan robh Riaghaltas na h-Alba air tighinn a-steach aig toiseach gnothaich 's a ràdh 'aithnichidh sinn gu bheil trioblaidean ann 's gur e seo an t-àm as trainge den bhliadhna 's seasaidh sinn air ur cùlaibh' bha a h-uile duine air a bhith glè thoilichte le sin," thuirt cathraiche comhairle coimhearsnachd Dhrochaid Neithich, Sandy McCook.
"Tha 17 gnothachasan anns a' Ghleann Mhòr a-mhàin, a thuilleadh air an fheadhainn ann an Neithich air an tug seo buaidh, tha a' mhalairt aca sìos.
"B' e Disathairne seo tighinn na Geamannan Gàidhealach againn ann an Obar Neithich, le 4,000 duine a' tighinn a-steach dhan bhaile airson sin. Chan urrainn dhuinn am-bliadhna."
Tha mu 20 smàladair fhathast a' dèiligeadh ris an teine le uidheamachd speisealta airson cur às dha na badan mu dheireadh far a bheil e a' gabhail fon talamh mhòinteach.
Thuirt an t-seibheis smàlaidh gun lean obair airson craobhan a chaidh a leagail mar phàirt den iomairt no a th' air am milleadh leis an teine a thoirt air falbh greis fhathast.