Teaghlach Aimeireaganach air Caisteal Chàrbasdail an Cataibh a cheannach

- Air fhoillseachadh
Tha teaghlach Aimeireaganach às na Florida Keys air Caisteal Chàrbasdail an Cataibh a cheannach agus iad ag ràdh gu bheil gaol mòr aca air an togalach eachdraidheil.
Chaidh an caisteal, faisg air Àird Ghaoithe, a thogail ann an 1907.
Thuirt Lance Holmquist agus a bhean Suzanne - a chaidh a thogail ann an Glaschu - gun robh iad air a bhith a' lorg caisteil ann an Èirinn no an Alba airson mu thrì bliadhna mus fhaca iad Caisteal Chàrbasdail.
Cheannaich iad e airson £3.9m.
Tha iad an dùil taigh-òsta a dhèanamh dheth ach an toiseach, tha iad a' cumail tachartas air Dihaoine an 7mh den Lùnastal airson muinntir na coimhearsnachd a choinneachadh.
Thuirt Suzanne: "Tha mi ag iarraidh tòrr de dh'eachdraidh a' chaisteil a ghlèidheadh. Ach cuideachd eachdraidh na sgìre far an robh blàr mòr. Bu toil leam barrachd fhaighinn a-mach mun sin agus dèanamh cinnteach gu bheil an caisteal ga chomharrachadh."
Eachdraidh inntinneach
Bha Caisteal Chàrbasdail na dhachaigh do Bhan-Diùc Chataibh.
Chaidh ise a-mach air teaghlach an duine aice às dèidh dha bàsachadh agus dh'fhàg sin gum biodh cuid a' gabhail Caisteal a' Mhì-rùin air.
Aig àm an Dàrna Cogaidh, bha e na àite-fasgaidh do theaghlach rìoghail Nirribhidh.
Ann an 1945 chaidh e na ostal òigridh air am biodh na mìltean a' tadhal gach bliadhna ach thàinig air Comann nan Ostalan Òigridh a reic nuair a chaidh a mhilleadh ri linn droch shìde.
Ann an 2016, às dèidh a bhith dùinte grunn bliadhnaichean, chaidh a cheannach le companaidh ionmhais ann an Lunnainn a bha airson "àite-còmhnaidh prìobhaideach" a dhèanamh dheth.
Chaidh a chur air a' mhargaidh a-rithist ann an 2021 agus cheannaich am barastair Samantha Kane e.
Leasaich ise an togalach agus bha i a' fuireach ann gus an do roghnaich i a chur air a' mhargaidh an-uiridh.
Tha fathannan ann gu bheil taibhse air a bheil Betty a' fuireach anns a' chaisteal.
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An t-Sultain 2016
