Maoin £3m do ghnothachasan air an tug teine fiadhaich buaidh

Cuideigin ann an aodach orains a' feuchainn ri smachd fhaighinn air teine fiadhaich.Tùs an deilbh, RSPB Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich an teine fiadhaich ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air an 15mh den Iuchar

  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air maoin fiach £3m a stèidheachadh gus taic a chumail ri gnothachasan air an tug teine fiadhaich a' Mhonaidh Ruaidh, a th' air a bhith a' gabhail fad trì seachdainean, buaidh.

Thòisich an teine ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air an 15mh den Iuchar agus tha e air na mìltean acairean de mhòintich 's de choilltean a losgadh.

Thàinig air cuid de ghnothachasan dùnadh ri linn adhbharan sàbhailteachd co-cheangailte ris an iomairt smachd fhaighinn air an teine.

Tha na ceudan luchd-smàlaidh, daoine a tha a' cuideachdadh gu saor-thoileach agus heileacoptaran air a bhith an lùib na h-iomairt.

Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh, na Turasachd is na Còmhdhail Stephen Flynn gur e Comhairle na Gàidhealtachd a bhiodh an urra ris a' mhaoin.

An t-seachdain seo chaidh, thuirt comhairliche do dh'Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gu bheil an teine air sgrios "apocailipteach" fhàgail às a dhèidh.

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' dèiligeadh ri pìosan fearainn far a bheil e fhathast a' gabhail.

Thuirt Mgr Flynn gu bheil an teine fiadhaich air "buaidh mhòr a thoirt air mòran ghnothachasan" agus gu h-àraid feadhainn a tha faisg air na bacaidhean a chaidh a chur mu thimcheall air.

Thug e taing do ghnothachasan, luchd-obrach agus muinntir na sgìre airson an cuid foighidinn agus tuigse a thaobh nan ceumannan a dh'fheumas na seirbheisean-èiginn a ghabhail airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Thuirt e: "Tha sinn a' tuigsinn an dùbhlain a tha mu choinneamh mhòran a-nis agus sin as coireach gu bheil mi toilichte a dhearbhadh gum bi maoin fiach suas ri £3m ann gus an urrainn do Chomhairle na Gàidhealtachd gnothachasan a chuideachadh."

A rèir Mhgr Flynn, gheibh gnothachasan a th' air buaidh fhulang faochadh anns a' bhad ri linn na maoin.

Thuirt e cuideachd gun lean co-obrachadh eadar Riaghaltas na h-Alba, a' chomhairle, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a thaobh taic a bharrachd san ùine fhada.

Tha dùil gum foillsich Comhairle na Gàidhealtachd tuilleadh fiosrachaidh mun mhaoin.

Teine fiadhaich a' gabhail.Tùs an deilbh, RONAN DUGAN
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 500 neach-smàlaidh air a bhith an lùib na h-iomairt gus smachd fhaighinn air an teine bho thòisich e

Bho thòisich an teine, tha còrr is 500 neach-smàlaidh air a bhith an lùib na h-iomairt airson a chur às.

Tha iad air taic fhaighinn bho thuathanaich, geamairean agus luchd-obrach Comann Rìoghail Dìon nan Eun an Alba.

Tha coimhearsnachd Drochaid Neithich air a bhith a' dèanamh biadh do dhaoine a tha an lùib na h-iomairt.

Ach thàinig rabhadh bho Sheirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba gur dòcha gum bi seachdainean ann mus tèid an teine a chur às gu tur.

A rèir Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, faodaidh an Gleann Mòr faisg air far an do thòisich an teine, a bhith air fhosgladh dhan phoball Dihaoine an 7mh den Iuchar.

Sin ma tha Seirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba cinnteach gu bheil e sàbhailte.

Tha seo a' gabhail a-steach Loch Mòrlaich agus slighean coille.

Thuirt an t-ùghdarras: "Tha fios againn gu bheil daoine airson tilleadh dhan Ghleann Mhòr agus tha gnothachasan ag ullachadh airson fàilte a chur air luchd-tadhail a dh'aithghearr."

"Ged a bhios bacaidhean fhathast an sàs ann an cuid de dh'àitichean, bu chòir gum faigh gnothachasan air fosgladh a-rithist ann an ùine nach bi ro fhada."

Tuilleadh mun sgeulachd seo