Fear san Aghaidh Mhòr fo chasaid gun do rinn e oidhirp air murt

- Air fhoillseachadh
Thòisich Poileas Alba sgrùdadh an dèidh mar a rinn fireannach oidhirp air murt san Aghaidh Mhòr air an deireadh-sheachdain.
Chaidh fireannach, 41, a chur an greim agus fo chasaid ann an co-cheangal ris a' chùis.
Chaidh na poilis a ghairm gu togalach ann an Rathad Cairnview goirid an dèidh uair sa mhadainn Là na Sàbaid.
Thuirt oifigich gun deach boireannach, 44, agus fireannach, 47, a dhroch ghoirteachadh sa chùis agus gu bheil iad a' dèiligeadh ris mar oidhirp air murt a dhèanamh.
Chaidh an dithis a thoirt chun an ospadail airson cùraim.
Tha dùil gun nochd an duine a tha fo amharas an co-cheangail ris na thachair ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis an-diugh.