Bòrd na Gàidhlig a' sireadh suas ri triùir bhall ùra

Tha DK Mac a' Phì agus Michelle NicLeòid am measg na tha an-dràsta nam buill de Bhòrd na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
Tha Rùnaire Albannach an Fhoghlaim, a' Chultair is na Gàidhlig a' toirt cuireadh do dhaoine cur a-steach airson dreuchd air Bòrd-Stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig.
Thuirt Màiri Nic Ailein gu bheil iad a' sireadh suas ri triùir bhall ùra airson bòrd buidheann leasachaidh na Gàidhlig.
Feumaidh tagraichean a bhith misneachail agus comasach air a bhith a' còmhradh agus a' deasbad sa chànan oir tha coinneamhan a' bhùird gan gumail sa Gàidhlig.
Thathar cuideachd ag iarraidh daoine le eòlas ann an ionmhas, sgrùdadh-cunntais agus riaghladh, cho math ri tuigse a bhith aca air feumalachdan choimhearsnachdan Gàidhlig.
Mairidh na dreuchdan suas ri ceithir bliadhna, agus thathar an dùil gun tòisich na buill ùra sa Mhàrt 2027.
Cathraiche ùr air Bòrd na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh23 Am Faoilleach
Bòrd na Gàidhlig misneachail mu obair aig ìre na coimhearsnachd
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios 2025
"Srùb don Riaghaltas a th' ann am Bòrd na Gàidhlig"
- Air fhoillseachadh10 An t-Ògmhios 2025
Chan fheum na tagraichean a shoirbhicheas eòlas a bhith aca air a bhith ag obair air bòrd-stiùiridh agus gheibh iad oideachadh agus taic leantainneach san dreuchd.
Ma tha ùidh aig daoine, gheibh iad barrachd a-mach mun obair air seisean-fiosrachaidh air-loidhne.
Bidh sin air a chumail air a' 1d den Dùbhlachd aig 6.00f agus 's e Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Raibeart Dunbar, a bhios ga lìbhrigeadh.
Ma tha sibh airson a dhol ann, faodar fios a chur gu Bòrd na Gàidhlig, taobh a-muigh.
Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na dreuchdan agus mar a thèid tagraidhean a chur a-steach air làrach-lìn Public Appointments Scotland, taobh a-muigh.