Bòrd na Gàidhlig misneachail mu obair aig ìre na coimhearsnachd
Thuirt cathraiche Bhòrd na Gàidhlig gu bheil i air a misneachadh gu mòr gun robh buill Pàrlamaid na h-Alba a' togail air cho deatamach 's tha coimhearsnachdan nuair a bha iad a' deasbad Bile nan Cànanan.
Chuir buill taic ris a' bhile 112-0.
Thuirt Màiri NicAonghais cuideachd gur e adhartas a th' ann gur e Riaghaltas na h-Alba a nì ro-innleachd ùr nàiseanta airson na Gàidhlig seach am Bòrd fhein.
Agus dh'innis i gun do mhol am Bòrd do Riaghaltas na h-Alba cur an aghaidh atharrachadh sa bhile gum biodh oifigear-leasachaidh anns gach sgìre cànain - a chionn 's gun robh iad ag iarraidh gum biodh smachd aca fhèin air na h-oifigearan seach aig ùghdarrasan ionadail.