Na fhuair bàs le drugaichean air a dhol suas air a' Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Thàinig àrdachadh air na bhàsaich ri linn drugaichean an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh.
B' e drugaichean a thug bàs do 24 duine ann an 2025, an taca ri 21 a' bhòn-uiridh.
Bhàsaich nas lugha dhaoine an Earra-Ghàidheal is Bòd an-uiridh, naoinear an coimeas ri trì deug ann an 2024.
Cha deach bàs co-cheangailte ri drugaichean mì-laghail a chlàradh sna h-Eileanan an Iar ann an 2025.
Bhàsaich dithis ann an 2024, agus còignear ann an 2023.
'S ann an Alba a tha ìre a' bhàis le drugaichean as miosa san Roinn Eòrpa.
Tha Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba, taobh a-muigh ag ràdh gun robh àrdachadh 11% sna fhuair bàs air sgàth dhrugaichean ann an 2025.
Chaochail còrr is 11,000 duine sna deich bliadhna a dh'fhalbh.
Àrdachadh mòr air bàs le drogaichean air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar 2019
'Barrachd a dhìth' gus dèiligeadh le bàs dhrugaichean an sgìrean dùthchail
- Air fhoillseachadh20 An Gearran 2025
£1.7m do sheirbheisean deoch-làidir is dhrugaichean an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh25 An Lùnastal
Thuirt Ministear an Deoch-làidir agus Drugaichean Maree Todd ris a' phàrlamaid gun robh na bàsan uabhasach agus na adhbhar dragh.
Thug i rabhadh mu na cunnartan an cois "stuthan fuadain fìor làidir, mu mar a tha cleachdadh dhrugaichean ag atharrachadh, agus na bhios de dhaoine a tha a' gabhail mòran dhiofar dhrugaichean aig an aon àm".
Thuirt i gum feumadh teaghlaichean a tha a' caoidh a bhith "aig cridhe" phoileasaidhean an riaghaltais.
Chuala buill-phàrlamaid gun tàinig àrdachadh air na bha de leapannan ath-ghnàthachaidh agus gun tug an riaghaltas maoineachadh seachad airson 1,100 greis-àth-ghnathachaidh an-uiridh, ach gun robh barrachd obrach a dhìth.
Thuirt am ministear: "'S e an lèirsinn againn gum faigh daoine an Alba an taic a dh'fheumas iad sa choimhearsnachd aca fhèin fo shiostam nach bi a-mhàin a' dèiligeadh ri tinneas ach cuideachd a' feuchainn ri stad a chur air aig ìre thràth."
"Sgainneal nàiseanta"
Thuirt tè-labhairt nan Làbarach airson slàinte, Jackie Baillie, gur e "sgainneal nàiseanta" a tha anns na figearan.
Dh'fhàg i air an riaghaltas nach eil iad idir a' gluasad luath gu leòr airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh.
Thuirt leas-cheannard Reform Scotland, Tòmas Kerr, gu bheil ministearan air teaghlaichean a leigeil sìos.
Thuirt e gu bheil an t-àm aca "dùsgadh agus atharrachaidhean a chur an gnìomh".