Rabhadh gun cuir cosgaisean connaidh barrachd dhaoine ann am fiachan air Ghàidhealtachd

Tha dragh air Daibhidh Watson gum faodadh daoine a' Ghàidhealtachd fhàgail ri linn mar a tha prìsean ag èirigh
- Air fhoillseachadh
Tha ceannard buidheann coimhearsnachd ann an Cataibh a' toirt rabhadh seachad gu bheil àrdachadh ann am prìsean connaidh a' cur barrachd dhaoine air Ghàidhealtachd ann am fiachan.
Tha dragh air Dàibhidh Watson aig Urras Leasachaidh a' Chaoil Chataich gun toir cosgais àrd a' chonnaidh air daoine cunntasan a phàigheadh air creideas, agus a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan fhàgail.
Tha connadh a' cosg còrr air £2 an liotair ann am mòran àitichean aig tuath a-niste.
Tha Mgr Watson ag ràdh gu bheil suidheachadh sònraichte na Gàidhealtachd a' fàgail dhaoine ann an suidheachadh gu math cugallach nuair a tha na prìsean a' dol suas.
"Feumaidh daoine càraichean a chleachdadh barrachd sa Ghàidhealtachd far a bheil nas lugha de còmhdhail phoblach ann agus far a bheil astaran nas fhaide ri shiubhal", thuirt e.
"Nuair a chuireas tu prìs a' chonnaidh còmhla le cosgaisean cumhachd na dachaigh, tha e coltach gum faic sinn àrdachadh mòr ann am fiachan, oir feumaidh daoine leantainn orra le am beatha làitheil."
"Buille dhùbailte" do sheann daoine le prìs chumhachd ag èirigh
- Air fhoillseachadh23 An Lùnastal 2024
Nì buidheann ùr Comhairle na Gàidhealtachd sgrùdadh air bochdainn connaidh
- Air fhoillseachadh29 An Cèitean
Chaidh cìs a' chonnaidh a reòthadh leis an riaghaltas Thòraidheach mu dheireadh ri linn buaidh a' chogaidh eadar an Ruis agus an Ucràin,
Chuir Riaghaltas Sir Keir Starmer àrdachadh 3sg ris an robh dùil air a' mhìos seo air ais gu deireadh na bliadhna agus prìsean air a bhith ag èirigh ri linn a' chogaidh ann an Iran.
Tha Mgr Watson dhan bheachd gum bu chòir don t-Seansalair beachdachadh a-nis air cìs a' chonnaidh a ghearradh gus daoine a chuideachadh.
"'S iad seo ceistean geò-poileataigeach eadar-nàiseanta nach eil smachd againn orra.
"Feumaidh sinn coimhead air ge bith dè na dòighean a tha ri làimh gus a dhèanamh nas fhasa do dhaoine."
Tha am BBC air beachd iarraidh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.